- TIOTAL
- Ostail na h-Òigridh, Ratagan
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_113_2034
- ÀITE
- Ratagan
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Gleann Seile
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14169
- KEYWORDS
- ostailean
ostailean òigridh
iasgach a' bhradain
turasachd

Tha an togalach seo air tràighean Loch Dubhthaich, a bha na stèisean iasgaich a' bhradain san 19mh linn, air a chleachdadh mar ostail don òigridh fad iomadh bliadhna. Gabhaidh na dorsan mòra air gach ceann dheth fhathast am faicinn, agus tha togalach nan stàball air an taobh chlì an-diugh a' tairgse rumannan cuideachd. Chaidh na h-uinneagan a bh' ann an ùrachadh agus chaidh feadhainn ùra a chur sa mhullach. Tha ionad na h-Ostail a' tairgse sheallaidhean iongantach air na beanntan leis an ainm 'Còignear Pheathraichean Chinn Tàile' taobh thall an locha, agus a chionn 's gu bheil i faisg air grunn àite-tadhail, nam measg brochan mòra Ghleann Eilg, Caisteal Eilean Donnain agus an t-Eilean Sgitheanach, tha luchd-coiseachd agus luchd-turais glè mheasail air an Ostail.