Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Dubhthaich and Còignear Pheathraichean ChinnTàile
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_113_2038
ÀITE
Feàrn na Leitir
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14171
KEYWORDS
beanntan
sreap
Cinn Tàile
seanchas
seann sgeulachdan
Loch Duich and the Five Sisters of Kintail

Chithear na beanntan san dealbh seo ann an sgàthan Loch Dubhthaich, ag èirigh os cionn Gleann Seile, agus 's e Còignear Pheathraichean Chinn Tàile a th' aca orra. Tha uirsgeul ag innse mar a chaidh dithis phrionnsa Èireannach a thilgeil air tìr ann an stoirm agus mar a thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. An dèidh dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-null ach am pòsadh iad na peathraichean eile, phòs an dà phrionnsa an dà bhana-phrionnsa agus thill iad a dh'Èirinn leotha. Dh'fhuirich na còignear pheathraichean gun bhuaidh agus mu dheireadh thall dh'iarr iad air Buidseach Liath Choire Dhùnaid am feitheamh a leudachadh, seachad air beatha fhèin. Leis an sin thionndaidh e iad a-steach gu beanntan.

Tha e coltach gun deach an dealbh a thogail o Fheàrn na Leitir air taobh Ratagain de Loch Dubhthaich. On taobh chlì 's e ainmean nam beanntan: Sgurr Moraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Phuarain (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agus Sgurr na Ciste Duibhe (1027m). 'S e a' bheinn as lugha faisg air an loch Sgurr an t-Seacraich (576m).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Dubhthaich and Còignear Pheathraichean ChinnTàile

ROS: Loch Aillse

1970an

beanntan; sreap; Cinn Tàile; seanchas; seann sgeulachdan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Chithear na beanntan san dealbh seo ann an sgàthan Loch Dubhthaich, ag èirigh os cionn Gleann Seile, agus 's e Còignear Pheathraichean Chinn Tàile a th' aca orra. Tha uirsgeul ag innse mar a chaidh dithis phrionnsa Èireannach a thilgeil air tìr ann an stoirm agus mar a thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. An dèidh dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-null ach am pòsadh iad na peathraichean eile, phòs an dà phrionnsa an dà bhana-phrionnsa agus thill iad a dh'Èirinn leotha. Dh'fhuirich na còignear pheathraichean gun bhuaidh agus mu dheireadh thall dh'iarr iad air Buidseach Liath Choire Dhùnaid am feitheamh a leudachadh, seachad air beatha fhèin. Leis an sin thionndaidh e iad a-steach gu beanntan.<br /> <br /> Tha e coltach gun deach an dealbh a thogail o Fheàrn na Leitir air taobh Ratagain de Loch Dubhthaich. On taobh chlì 's e ainmean nam beanntan: Sgurr Moraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Phuarain (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agus Sgurr na Ciste Duibhe (1027m). 'S e a' bheinn as lugha faisg air an loch Sgurr an t-Seacraich (576m).