Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladh MhicRath a' coimhead thar Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_113_2043
ÀITE
Inbhir Ìonaid
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Gleann Seile
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14173
KEYWORDS
cladhan
eaglaisean
uaighean
carraighean cuimhne
cinnidhean
Macrae graveyard overlooking Loch Duich

'S e Clachan Dubhthaich an t-seann eaglais agus cladh aig Clann 'IcRath Chinn Tàile. Na shuidhe faisg air ceann Loch Dubhthaich, tha Clachan Dubhthaich air a bhith ann bho co-dhiù 1050 agus tha a h-uile coltas gu robhas ga chleachdadh gu math na bu tràithe na sin. Tha e air a choisrigeadh gu an Naomh Dubhthach, Easbaig Rois na h-11mh linn. Tha tobhtaichean na seana eaglais air an cuairteachadh le uaighean, cuid dhiubh air an comharrachadh agus cuid dhiubh gun chomharra. 'S cinnteach gur e muinntir MhicRath a tha tìodhlaichte ann am mòran dhiubh bhon tha an t-ainm fhathast gu math cumanta san sgìre. A' coimhead thar na h-eaglais agus a' chladh tha carragh-cuimhne a' Chiad Chogaidh do Chlann 'IcRath, carragh a chaidh a nochdadh an 15mh den Iuchar 1922.

Sa chùlaibh chithear na beanntan os cionn Ratagain, agus air an fhìor thaobh chlì, tha carbadan is àirneis a dh'fhaodadh a bhith a' buntainn do thogail de chabhsair thar bheul Abhainn Crotha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladh MhicRath a' coimhead thar Loch Dubhthaich

ROS: Gleann Seile

1970an

cladhan; eaglaisean; uaighean; carraighean cuimhne; cinnidhean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S e Clachan Dubhthaich an t-seann eaglais agus cladh aig Clann 'IcRath Chinn Tàile. Na shuidhe faisg air ceann Loch Dubhthaich, tha Clachan Dubhthaich air a bhith ann bho co-dhiù 1050 agus tha a h-uile coltas gu robhas ga chleachdadh gu math na bu tràithe na sin. Tha e air a choisrigeadh gu an Naomh Dubhthach, Easbaig Rois na h-11mh linn. Tha tobhtaichean na seana eaglais air an cuairteachadh le uaighean, cuid dhiubh air an comharrachadh agus cuid dhiubh gun chomharra. 'S cinnteach gur e muinntir MhicRath a tha tìodhlaichte ann am mòran dhiubh bhon tha an t-ainm fhathast gu math cumanta san sgìre. A' coimhead thar na h-eaglais agus a' chladh tha carragh-cuimhne a' Chiad Chogaidh do Chlann 'IcRath, carragh a chaidh a nochdadh an 15mh den Iuchar 1922.<br /> <br /> Sa chùlaibh chithear na beanntan os cionn Ratagain, agus air an fhìor thaobh chlì, tha carbadan is àirneis a dh'fhaodadh a bhith a' buntainn do thogail de chabhsair thar bheul Abhainn Crotha.