Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain on drochaid thuige
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_113_2047
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14176
KEYWORDS
caistealan
drochaid
cost an iar
daingnich
Eilean Donan Castle from the approach bridge

Tha Caisteal Eilean Donnain na shuidhe aig comar nan lochan, 's e sin Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Tha iad den bheachd gu bheil Eilean Donnain air ainm fhaighinn aon Easbaig Donnan, naomh Èireannach a ràinig Alba ann an 580 AD. Chaidh a' chiad daingneach a thogail air an eilean san treas linn deug nuair a bha an sgìre fhathast fo chumhachd Tighearnas nan Eilean.

Chaidh an caisteal a thogail ann an ionad cudromach far am faodadh e ruagadh nan Lochlannach a chumail sìos. Bha iad sin fhathast a' bagairt nan daoine ann an Alba a tuath aig an àm. Thar nam bliadhnachan, leudaich agus lùghdaich an caisteal ann am meud. Chaidh a ghearasdanadh le luchd-taic nan Seumasach, tro àm nan ar-a-mach san ochdamh linn deug, a bha a' feuchainn ri na Stiùbhartaich a thoirt air ais don Chrùn, agus mar thoradh air seo, chaidh an caisteal a sgrios.

Bha an caisteal na thobhtaichean fad faisg air 200 bliadhna gus an do cheannaich an Lt Col Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e an uair sin seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu ruig 1932, a' cur a' chaisteil air dòigh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain on drochaid thuige

ROS: Cinn Tàile

1970an

caistealan; drochaid; cost an iar; daingnich

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha Caisteal Eilean Donnain na shuidhe aig comar nan lochan, 's e sin Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Tha iad den bheachd gu bheil Eilean Donnain air ainm fhaighinn aon Easbaig Donnan, naomh Èireannach a ràinig Alba ann an 580 AD. Chaidh a' chiad daingneach a thogail air an eilean san treas linn deug nuair a bha an sgìre fhathast fo chumhachd Tighearnas nan Eilean.<br /> <br /> Chaidh an caisteal a thogail ann an ionad cudromach far am faodadh e ruagadh nan Lochlannach a chumail sìos. Bha iad sin fhathast a' bagairt nan daoine ann an Alba a tuath aig an àm. Thar nam bliadhnachan, leudaich agus lùghdaich an caisteal ann am meud. Chaidh a ghearasdanadh le luchd-taic nan Seumasach, tro àm nan ar-a-mach san ochdamh linn deug, a bha a' feuchainn ri na Stiùbhartaich a thoirt air ais don Chrùn, agus mar thoradh air seo, chaidh an caisteal a sgrios. <br /> <br /> Bha an caisteal na thobhtaichean fad faisg air 200 bliadhna gus an do cheannaich an Lt Col Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e an uair sin seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu ruig 1932, a' cur a' chaisteil air dòigh.