Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag Ullapul - Steòrnabhagh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_125_0224
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
1973
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14214
KEYWORDS
aiseagan
bàtaichean
bàtaichean-aiseig
còmdhail
slighean
cidheachan
cinn-uidhe
Ullapool - Stornoway ferry

Bhiodh aiseag a' dol eadar Loch Shìophort ann an Eilean Leòdhas gu Malaig taobh Chaol Loch Aillse gu 1972. Air 1 Cèitean 1972, thòisich seirbheis aiseig air an t-slighe nas giorra eadar Ullapul is Steòrnabhagh. Bha feum aig a' chiad aiseag, an 'Iona' air crann-togail air an taobh gus carbadan a chur air bòrd a chionn 's nach robh altan-aiseig deiseil ann an Steòrnabhagh no Ullapul. Nuair a chaidh na h-altan-aiseig a chrìochnachadh, is nuair a thàinig an 'Clansman,' bha e comasach do chàraichean dràibheadh air aig aon taobh agus dràibheadh dheth air an taobh eile. Bha e tòrr na b' fhasa an aiseag a luchdachadh is fhalamhachadh. Chaidh 'Suilven' a chur an àite an 'Clansman' ann an 1973/74, agus ghabh am bàta a tha fhathast air an t-slighe thairis an t-slighe ann an 1995/6.

Is e an t-slighe eadar Ullapul is Steòrnabhagh tè de na h-aiseagan as trainge a th' aig Caledonian Mac a' Bhruthainn agus bidh mu 92,000 daoine ga chleachdadh gach bliadhna. Bidh dhà no trì tursan gach rathad ann gach latha. Tha an aiseag a-nis a' ruith a h-uile latha às dèidh do dh'aiseagan Sàbaid tòiseachadh anns an Iuchar 2009.

Anns an dealbh seo, chithear an 'Clansman' a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag Ullapul - Steòrnabhagh

ROS: Steòrnabhagh

1970an

aiseagan; bàtaichean; bàtaichean-aiseig; còmdhail; slighean; cidheachan; cinn-uidhe

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Bhiodh aiseag a' dol eadar Loch Shìophort ann an Eilean Leòdhas gu Malaig taobh Chaol Loch Aillse gu 1972. Air 1 Cèitean 1972, thòisich seirbheis aiseig air an t-slighe nas giorra eadar Ullapul is Steòrnabhagh. Bha feum aig a' chiad aiseag, an 'Iona' air crann-togail air an taobh gus carbadan a chur air bòrd a chionn 's nach robh altan-aiseig deiseil ann an Steòrnabhagh no Ullapul. Nuair a chaidh na h-altan-aiseig a chrìochnachadh, is nuair a thàinig an 'Clansman,' bha e comasach do chàraichean dràibheadh air aig aon taobh agus dràibheadh dheth air an taobh eile. Bha e tòrr na b' fhasa an aiseag a luchdachadh is fhalamhachadh. Chaidh 'Suilven' a chur an àite an 'Clansman' ann an 1973/74, agus ghabh am bàta a tha fhathast air an t-slighe thairis an t-slighe ann an 1995/6. <br /> <br /> Is e an t-slighe eadar Ullapul is Steòrnabhagh tè de na h-aiseagan as trainge a th' aig Caledonian Mac a' Bhruthainn agus bidh mu 92,000 daoine ga chleachdadh gach bliadhna. Bidh dhà no trì tursan gach rathad ann gach latha. Tha an aiseag a-nis a' ruith a h-uile latha às dèidh do dh'aiseagan Sàbaid tòiseachadh anns an Iuchar 2009. <br /> <br /> Anns an dealbh seo, chithear an 'Clansman' a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh.