Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Clansman a' tighinn a-steach do Steòrnabhagh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_125_0226
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14216
KEYWORDS
aiseagan
bàtaichean
bàtaichean-aiseig
longan
còmhdhail
slighean
siubhal
Clansman arriving into Stornoway

Chaidh an Clansman a thogail le Hall, Russell & Co Ltd airson David MacBrayne Ltd ann an 1964. Bha crann-charbadan agus ramp air taobh a' bhàta an toiseach agus ruith i an toiseach air an t-slighe eadar Armadal is Malaig. Bha i cuideachd ga cleachdadh an àite bhàtaichean eile air slighean Mhuile, Leòdhais agus Ùige-An Tairbeart-Loch nam Madadh rè mìosan a' gheamhraidh. Chaidh a h-ath-nuadhachadh gu mòr ann an 1972. Chaidh an crann-charbadan agus an ramp a taobh a thoirt air falbh agus chaidh rampaichean ùra a chur ann aig toiseach agus deireadh a bhàta. Chaidh a dèanamh nas fhaide agus chaidh deic an luchd-siubhail a leudachadh. Chaidh dà chruinn ùra a chuir rithe cuideachd cho math ri rèidear agus dà stiùir. Chaidh an Clansman a chleachdadh air an t-slighe ùr gu Steòrnabhagh ann an 1973 agus 1974. Às dèidh seo, chaidh a cleachdadh air slighe Mhuile agus chaidh a cleachdadh an àite bàtaichean eile, nuair a bha feum air seo, air slighe Leòdhais agus air slighe P&O eadar Stromness agus Sgrabstal. Reic Caledonian Mac a' Bhruthainn an Clansman ann an 1984

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Clansman a' tighinn a-steach do Steòrnabhagh

1970an

aiseagan; bàtaichean; bàtaichean-aiseig; longan; còmhdhail; slighean; siubhal

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept