- TIOTAL
- Taigh-dubh Àrnoil, Leòdhas
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_126_0259
- ÀITE
- Arnol
- SGÌRE
- Leòdhas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Barbhas
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14231
- KEYWORDS
- taighean
taighean-dubha
taigheadas
beatha
togalaichean

Tha Taigh-tasgaidh Taigh-dubh Àrnoil aig Air. 42 Arnol ann an taobh an iar Leòdhais. Chaidh an taigh far a bheil an taigh-tasgaidh a thogail mun bhliadhna 1875 agus dh'fhàg an luchd-còmhnaidh mu dheireadh e anns na 1960an.
'S e togalach fada, cumhang, uaireannan co-shìnte ri togalaichean eile is le aon bhalla eadar na dhà a bh' ann an taigh-tughaidh mar bu trice. 'S e dà shreath de chlachan gun chrèadh-aoil, le mòine is ùir anns a' mheadhan a bh' anns na ballachan. 'S e frèam fiodh air a' bhalla a-staigh a bh' anns a' mhullach, le fòdan fraoich is tughadh air uachdar, is air a chumail air le lìon le clachan ceangailte air. Cha robh similear ann agus bhiodh teine ann cha mhòr fad an t-siubhail is mar sin, bhiodh an toit a' tighinn a-mach bhon taigh tro àite sam bith a b' urrainn dha. Bhathar den bheachd gur e deagh thodhar a bh' ann an tughadh rèisgte agus gu tric bhiodh tughadh ùr air a chur air na taighean gach bliadhna.
Chaidh taighean ùra a thogail bho dheireadh an 19mh linn agus is e 'taighean-geala' a bh' orra mar thoradh air an dath is mar sin, chaidh an t-ainm 'taigh-dubh' a chleachdadh gus eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar an dà sheòrsa taighe