Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag Chamshroin, an Gearasdan
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_002_0018
ÀITE
An Gearasdan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
1973
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14251
KEYWORDS
squares
museums
visitor centres
tourist information offices
tourist information centres
Cameron Square, Fort William

'S e Ceàrnag Chamshroin - air an robh Ceàrnag na h-Eaglais roimhe sin - tè de ghrunn cheàrnagan ri taobh na Sràid Àird sa Ghearasdan. Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1973, an dèidh dhaibh an Carragh Cheanadach cliùiteach a thoirt às a chèile, ach mus do leag iad Talla a' Bhaile (sa mheadhan) às dèidh teine ann an 1975. Tha Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar air taobh deas an deilbh agus tha Ionad Fiosrachaidh Turasachd beag air an taobh chlì.

An-diugh 's e Ionad Chamshroin a tha a' gabhail prìomh àite ann an Ceàrnag Chamshroin, agus Ionad Fiosrachaidh Turasachd mòr, trang na bhroinn. Tha an taigh-tasgaidh fhathast ri lorg san togalach air an taobh dheas, a bha uaireigin na bhanca, togte mu 1835. Chaidh seann chaibeal agus taigh-lobhta ri taobh chlì an togalaich a thoirt a-steach don taigh-tasgaidh. Am measg nan taisbeanaidhean ri fhaicinn ann tha rudan bho Linntean na Cloiche agus an Umha, seann rudan Seumasach, agus stuth thartain.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag Chamshroin, an Gearasdan

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1970an

squares; museums; visitor centres; tourist information offices; tourist information centres

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

'S e Ceàrnag Chamshroin - air an robh Ceàrnag na h-Eaglais roimhe sin - tè de ghrunn cheàrnagan ri taobh na Sràid Àird sa Ghearasdan. Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1973, an dèidh dhaibh an Carragh Cheanadach cliùiteach a thoirt às a chèile, ach mus do leag iad Talla a' Bhaile (sa mheadhan) às dèidh teine ann an 1975. Tha Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar air taobh deas an deilbh agus tha Ionad Fiosrachaidh Turasachd beag air an taobh chlì. <br /> <br /> An-diugh 's e Ionad Chamshroin a tha a' gabhail prìomh àite ann an Ceàrnag Chamshroin, agus Ionad Fiosrachaidh Turasachd mòr, trang na bhroinn. Tha an taigh-tasgaidh fhathast ri lorg san togalach air an taobh dheas, a bha uaireigin na bhanca, togte mu 1835. Chaidh seann chaibeal agus taigh-lobhta ri taobh chlì an togalaich a thoirt a-steach don taigh-tasgaidh. Am measg nan taisbeanaidhean ri fhaicinn ann tha rudan bho Linntean na Cloiche agus an Umha, seann rudan Seumasach, agus stuth thartain.