Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir gu neach-obrach aca, 1953
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_109
DEIT
4 An Dùbhlachd 1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1426
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
tuiteam-uisge
West Highland Salmon Fisheries Co. - letter to an employee, 1953

Sgrìobh Seumas Banks, am fear aig an robh màl iasgach a' bhradain-mara ann am Port Rìgh, an litir seo gu Niall Aonghas MacNeacail san Dùbhlachd 1953. Bha MacNeacail a' fuireach ann am Bayfield (Ach' a' Bhàigh) ann am Port Rìgh agus bha e air a phàigheadh le Banks sùil a chumail air an uidheam 's air na seadaichean aca ann an Ach' a' Bhàigh fhad 's a bha Banks fhèin a' cur seachad a' gheamhraidh ann am Peairt. Tha Banks a' bruidhinn air dealgan lìn agus a' cur air adhart neach-sholair eile dhiubh gus am faod MacNeacail a chumail a' dol, 's mar sin tha e coltach gu robh MacNeacail a' dèanamh cuid obair dhaibh fad mhìosan a' gheamhraidh.

Tha Banks cuideachd a' dèanamh luaidh air an aimsir - cuspair air a bheil muinntir nan eilean glè dhèidheil. Bha e air leughadh sa phàipear gu robh uisge air tuiteam san Eilean Sgitheanach tro 58 làithean às dèidh a chèile. Tha e a' tarraing aire do litir Seton Gòrdan don Scotsman a tha a' liostadh na thuit de dh'uisge ann an Dùn Tuilm mar 9 òirlich (23cm) rèn Dàmhair is an t-Samhainn. Bho 1931 gus an do bhàsaich e ann an 1977 bhiodh Seton Gòrdan, sàr-sgrìobhadair agus neach-nàdair, a' cur seachad mòran den bhliadhna aige ann an Dùn Tuilm.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir gu neach-obrach aca, 1953

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon; tuiteam-uisge

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)