Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lioft sgithidh, Am Monadh Ruadh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_005_0178
ÀITE
Am Monadh Ruadh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
DEIT
An t-Sultain 1973
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14278
KEYWORDS
sgitheadh
spòrs
spòrs a' gheamhraidh
ionadan-turasachd
beanntan
sgithean
Cairngorm ski lift

Thòisich obair air togail ionad-sgithidh a' Mhonaidh Ruaidh anns na 1960an agus is e an dàrna ionad-sgithidh as motha ann an Alba. Tha a' mhòr-chuid den sgitheadh a' dol air adhart air Coire Cas. Bha na geamhraidhean sna 1980an gu math freagarrach airson sgitheadh agus chleachd na mìltean an ionad-sgithidh ach chuir ceistean a thaobh na h-àrainneachd stad air leudachadh. Leis nach robh sneachd gu leòr ann sna 1990an agus sna 2000an, tha àireamhan luchd-sgithidh air tuiteam agus tha seo air ceistean a thogail mu sheasmhachd an ionaid-sgithidh.

Anns na 1990an bha a' mhòr-chuid den bhun-structar air fàs aosta agus nas dorra a chumail a' dol. Ged a bha a' mhòr-chuid de na slaodan-sgithidh gu bhith air an cumail, mhol Companaidh Liofta-togail a' Mhonaidh Ruaidh gun rachadh Rèile-beinne a chur an àite na prìomh liofta-togail. Is e moladh connspaideach a bha seo agus chuir buidhnean àrainneachd na aghaidh. Chaidh co-rèiteachadh a dhèanamh ge-tà agus chaidh Rèile-beinne a' Mhonaidh Ruaidh a thogail.

A chionn 's nach eil uiread de shneachd air a bhith ann anns na geamhraidhean bho chionn goirid agus a chionn 's gu bheil àireamh an luchd-sgithidh air ìsleachadh, tha daoine a' tighinn aig amannan eile den bliadhna air fàs nas cudromaiche. Tha tòrr a' tighinn gus na seallaidhean fhaicinn air an rèile-beinne (ged nach fhaod iad a dhol air a' bheinn fhèin bhon ionad luchd-turais aig mullach na loidhne) agus gus na lusan beinne fhaicinn a tha a' fàs anns a' Mhonadh Ruadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lioft sgithidh, Am Monadh Ruadh

INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn

1970an

sgitheadh; spòrs; spòrs a' gheamhraidh; ionadan-turasachd; beanntan; sgithean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept