Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'How Long Does it Take to Write a Poem?'
EXTERNAL ID
AB_LL_PAMELA_BEASANT_02
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Pamela Beasant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1428
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Chaidh an rann 'How long does it take to write a poem?' a sgrìobhadh le Pamela Beasant. Tha e air a leughadh an seo leis an ùghdar.

How long does it take to write a poem?

MacCaig, wily old master,
trotted out the unvarying reply:
two fags.

It always drew a laugh.

He meant
don't over or underplay the art.
Don't make it god.

But his eyes -
Suilven pools smarting in a Rose St pub -
betrayed the devotion of a life spent
watching, smoking,
filling volumes.

Rugadh is thogadh Pamela Beasant ann an Glaschu. Leugh i Beurla aig Oilthigh Oxford mus do thòisich i ag obair aig Foillsichearan Usborne ann an Lunnainn. Ghluais i a dh'Arcaibh ann an 1986, agus tha i air a bhith ag obair neo-cheangailte na sgrìobhadair is na deasaiche bhon uair sin. Chaidh tòrr foillseachaidh a dhèanamh de bhàrdachd Pam, agus chaidh a cruinneachadh, 'Running with a Snow Leopard', fhoillseachadh le Two Ravens Press ann an 2008. Ann an 2006, chaidh a dealbh-chluich, 'A Hamnavoe Man', stèidhichte air beatha agus sgrìobhadh George Mackay Brown, a choimiseanadh le Fèis an Naoimh Mhànuis, far an deach a chluich. Sgrìobh i cuideachd an sgriopt aig dealbh-chluich Fèis 2008, 'Riders of Sea Horses'.

Chaidh an rannsachadh beatha a sgrìobh Pam, 'Stanley Cursiter: a life of the artist', fhoillseachadh ann an 2007, còmhla ri seachd leabhraichean fios do chlann, foillsichte le Leabhraichean Paragon. A bharrachd air sin, sgrìobh i na facail airson opera rock, 'Voice', còmhla ris an tè a sgrìobh an ceòl, Gemma McGregor, air a chluich ann an Arcaibh ann an 2008. Tha Pam a' cur crìoch air a ciad nobhail, 'Making Angels', agus tha i air an dàrna fear a thòiseachadh. Mar dheasaiche, tha i air obair a dhèanamh air iomadh leabhar, gu h-àraid 'A New Orkney Anthology', foillsichte le caidreabh GMB ann an 2008 agus 'St Magnus Festival, a celebration', foillsichte ann an 2002.

Tha Pamela air an liosta aig Urras nan Leabhar Albannach agus tha i air tabhartasan sgrìobhadairean a chosnadh o Chomhairle Ealain na h-Alba agus o Hi-Arts. Ann an 2007 's i a' chiad neach-caidreabh sgrìobhaidh George MacKay Brown. Stèidhich Leabharlann Bàrdachd na h-Alba i na Compàirtiche Bàrdachd aca ann an Srom Nis airson 2008-09.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'How Long Does it Take to Write a Poem?'

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Pamela Beasant