Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Baintighearna Ghòrdain
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_011_0290
ÀITE
Albhaidh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14301
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
daoine
ban-diùc
diùcan
Duchess of Gordon's monument

Rugadh Baintighearna Sìne Maxwell anns A' Mhonadh Rèidh ann an 1749. 'S i an ceathramh leanabh aig Sir Uilleam Maxwelll is Magdalene Blair of Blair. Bha Sìne is a màthair is dithis de na peathraichean aice a' fuireach ann an rùmannan ann an Dùn Èideann far am faigheadh a' chlann-nighean tuilleadh foghlaim.

Dh'fhàs Sìne gu bhith na boireannach bòidheach is toinisgeil. Thuit i ann an gaol le oifigear airm, 's dòcha Frisealach, nuair a bha i 16 bliadhna a dh'aois, ach fhuair i a-mach a-rithist gun robh e air bàsachadh. Aig 17 phòs i Alasdair, Diùc Ghòrdain. Nuair a bha iad air mìos nam pòg aca, fhuair Sìne litir bhon Fhrisealach, a bha fhathast beò, ag iarraidh oirre a phòsadh.

Rugadh a' chiad mhac aice aig an aon àm 's a rugadh mac Sìne Christie, rùnach an duine aice. 'S e Seòras ainm gach balach, 'Seòras agamsa is Seòras an Diùc' a rèir Baintighearna Sìne.

Chaith Sìne mòran den tìde aice ag ullachadh phàrtaidhean. Fiù 's nuair a ghluais an teaghlach gu Lunnainn bhiodh i a' cur air dòigh phartaidhean le blas Albannach. Chuir i aodach tartain oirre fhad sa bha e toirmisgte.

'S e pòsadh mì-shona a bh' aig teaghlach Ghòrdain. Chùm an Diùc an rùnach aige ann an Caisteal Ghòrdain is thog e taigh do a bhean aig Ceann Rara, air Uisge Spè. Thàinig am pòsadh gu crìch ann an 1805 ach cha tug an Diùc seachad an t-airgead a bh' aig Sìne ri fhaighinn a rèir an lagh is bha aice ri fuireach ann an taighean-òsta. Nuair a bhàsaich i ann an 1812, chaidh a tiodhlacadh aig Ceann Rara, mar a dh'iarr i. Chaidh carragh-cuimhne a thogail air a son, agus pòsaidhean a cloinne sgrìobhte air

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Baintighearna Ghòrdain

INBHIR NIS: Albhaidh

1970an

carraighean-cuimhne; daoine; ban-diùc; diùcan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept