Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir gu neach-obrach aca, 1953
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_111
DEIT
10 An Gearran 1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1435
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - letter to an employee, 1953

Sgrìobh Seumas Banks, am fear aig an robh màl iasgach a' bhradain-mara ann am Port Rìgh, an litir seo gu Niall Aonghas MacNeacail sa Ghearran 1953. Bha taigh aig Banks ann am Bayfield (Ach' a' Bhàigh) agus bhiodh e a' fuireach ann tro sheusan a' bhradain. Faisg air làimh bha seadaichean ann far am biodh na bàtaichean 's an uidheam don ghnothachas aige air an stòradh tro mhìosan a' gheamhraidh. Bha cuideachd àite ann far am biodh iad a' crochadh 's a' càradh nan lìon. B' e Niall Aonghas MacNeacail an gafair agus an neach-lìn aig Banks agus am fear-obrach aige a bha air a phàigheadh sùil a chumail air an uidheam aca agus obair cumail-suas a dhèanamh tro na mìosan dheth. Bhiodh Banks a' sgrìobhadh gu MacNeacail glè thric a' còmhradh air an obair a dh'fheumadh dèanamh agus air an obair is na planaichean air am feumadh iad fios a chur gu an luchd-obrach eile.

San litir seo tha e a' bruidhinn air an latha as fheàrr airson an "Nereid" a chur air bhog. B' e an "Nereid" am bàta a bhiodh aca a' siubhal eadar stèiseanan a' bhradain ann an Stafainn, sa Bhràigh agus Ratharsair, agus bhiodh e a' giùlan deigh, uidheam agus solar eile a bharrachd air an iasg. Bha an "Nereid" ga chumail ann an seada-bhàta ann an Ach' a' Bhàigh ann am mìosan a' gheamhraidh agus ga dhraghadh sìos don mhuir deiseil airson a chur air bhog. Mar a tha Banks a' cnuasachadh, bha seo an crochadh air an làn-mara agus bha e ag iarraidh comhairle o MhacNeacil air an àm as fheàrr airson seo a dhèanamh.

Tha Banks cuideachd a' dèanamh luaidh air Mac an t-Saoir ann am Malaig a bha na einnseanair-mara. Bha Banks air sgrìobhadh thuige san Fhaoilleach a' beachdachadh air tagradh àrachais agus seic na chois a leigeadh le Mac an t-Saoir a dhol air adhart leis a' chùis an taobh aigesan. San litir seo cuideachd tha Banks a' bruidhinn air an làn-mara, a' cur cuideim air cho deatamach 's a bha e am bàta a chur gu sàl agus gu Malaig airson càraidhean a dhèanamh air ann an deagh ùine mus tòisicheadh seusan a' bhradain.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir gu neach-obrach aca, 1953

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)