Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais an Trumpain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_030_0847
ÀITE
An Triumpan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14412
KEYWORDS
eaglaisean, cladhan
blàir, cinnidhean
tobhtaichean
togalaichean
Trumpan Church, Skye

Chithear tobhta Eaglais an Trumpain air taobh an iar Rubha Bhatairnis anns an Eilean Sgitheanach. Dh'fhaodadh e bhith gun robh an eaglais ann cho tràth ris na 1300an. Chaidh i na tobhta anns na 1500an ri linn aimhreit nimheil eadar na Dòmhnallaich agus Clann 'ic Leòid. Ann an 1577, thàinig buidheann dhe na Leòdaich air tìr ann an Eilean Eige, agus chaidh Dòmhnallaich an eilein am falach ann an uaimh. Las na Leòdaich teine aig beul na h-uamha agus chaidh cha mhòr 400 dhe na Dòmhnallaich a thacadh. Anns a' Chèitein dhen ath bhliadhna thàinig buidheann dhe na Dòmhnallaich dhan Eilein Sgitheanach nuair a bha na Leòdaich ann an Eaglais an Trumpain. Chuireadh bacadh anns an doras agus chaidh teine a chur ris a' mhullach de thughadh. Rinn aon nighean òg an gnothach air teicheadh gus rabhadh a thoirt seachad. Chaidh tuilleadh de Leòdaich na sgìre air tòir na Dòmhnallach agus mharbh iad iad ann am blàr goirid. Chuireadh cuirp nan Dòmhnallach nan tòrr ri taobh Gàrradh cloiche agus chleachdadh an gàrradh gus an còmhdach. B' e Blàr Milleadh a' Ghàrraidh a thugadh air a' bhlàr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais an Trumpain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

eaglaisean, cladhan; blàir, cinnidhean; tobhtaichean; togalaichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept