Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac shnaidhte, Eaglais an Triumpain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_030_0848
ÀITE
An Triumpan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14413
KEYWORDS
leacan
lic snaidhte
clachan uaighe
clach-uaighe
eaglaisean
caibealan
Carved stone at Trumpan Church, Skye

Tha a' chlach uaighe shnaidhte seo o bhliadhnaichean deireannach nam meadhan linntean na suidhe am broinn a' chladh a tha mun cuairt air Eaglais an Triumpain (no 's dòcha an t-Srùmpain) a tha an taobh an iar Rubha Bhatairnis san Eilean Sgitheanach. Tha e coltach gur e sagart no maol (sagart le ceann maol agus falt mu chiabhagan) a tha snaidhte air, air a ghearradh gu seasamh a-mach beagan, a làmhan còmhla ann an ùrnaigh.

'S dòcha gur ann cho tràth ri na 1300an a chaidh Eaglais an Triumpain a thogail. Chaidh i na làraich sna 1500an nuair a bha fìor naimhdeas eadar Chlainn 'Ic Dhòmhnaill is Mhic Leòid. Ann an 1577 thàinig buidheann creachaidh air tìr ann an Eilean Eige agus ghabh muinntir 'Ic Dhòmhnaill an àite fasgadh ann an uaimh. Las na creachadairean Leòdach teine mòr aig beul na h-uamha agus chaidh faisg air 400 duine de Chlann Dòmhnaill a thùchadh gu bàs. Sa Chèitean an ath-bhliadhna chaidh buidheann de Dhòmhnallaich air tìr san Eilean Sgitheanach fhad 's a bha na Leòdaich san eaglais san Triumpan. Chaidh doras na h-eaglaise a stobadh dùinte agus am mullach-tughaidh a chur na theine. Fhuair aon nighean òg air falbh às agus leig i fios do na Leòdaich eile. Thàinig iadsan air tòrr nan Dòmhnallaich aig an eaglais agus mharbh iad iad ann am batal goirid. Chaidh cuirp nan Dòmhnallach a chur ann an tiùrr ri taobh gàrradh cloiche agus chaidh an gàrradh a leagail thairis orra mar chòmhdach. Dh'aithnicheadh am batal bhon àm sin mar 'Batal a' Ghàrraidh Bhriste' no 'The Battle of the Spoiled Dyke'.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac shnaidhte, Eaglais an Triumpain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

leacan; lic snaidhte; clachan uaighe; clach-uaighe; eaglaisean; caibealan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha a' chlach uaighe shnaidhte seo o bhliadhnaichean deireannach nam meadhan linntean na suidhe am broinn a' chladh a tha mun cuairt air Eaglais an Triumpain (no 's dòcha an t-Srùmpain) a tha an taobh an iar Rubha Bhatairnis san Eilean Sgitheanach. Tha e coltach gur e sagart no maol (sagart le ceann maol agus falt mu chiabhagan) a tha snaidhte air, air a ghearradh gu seasamh a-mach beagan, a làmhan còmhla ann an ùrnaigh.<br /> <br /> 'S dòcha gur ann cho tràth ri na 1300an a chaidh Eaglais an Triumpain a thogail. Chaidh i na làraich sna 1500an nuair a bha fìor naimhdeas eadar Chlainn 'Ic Dhòmhnaill is Mhic Leòid. Ann an 1577 thàinig buidheann creachaidh air tìr ann an Eilean Eige agus ghabh muinntir 'Ic Dhòmhnaill an àite fasgadh ann an uaimh. Las na creachadairean Leòdach teine mòr aig beul na h-uamha agus chaidh faisg air 400 duine de Chlann Dòmhnaill a thùchadh gu bàs. Sa Chèitean an ath-bhliadhna chaidh buidheann de Dhòmhnallaich air tìr san Eilean Sgitheanach fhad 's a bha na Leòdaich san eaglais san Triumpan. Chaidh doras na h-eaglaise a stobadh dùinte agus am mullach-tughaidh a chur na theine. Fhuair aon nighean òg air falbh às agus leig i fios do na Leòdaich eile. Thàinig iadsan air tòrr nan Dòmhnallaich aig an eaglais agus mharbh iad iad ann am batal goirid. Chaidh cuirp nan Dòmhnallach a chur ann an tiùrr ri taobh gàrradh cloiche agus chaidh an gàrradh a leagail thairis orra mar chòmhdach. Dh'aithnicheadh am batal bhon àm sin mar 'Batal a' Ghàrraidh Bhriste' no 'The Battle of the Spoiled Dyke'.