Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Cùmhnant Fhastaidh, 1956
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_113
DEIT
1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1442
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - employment contract, 1956

B' e an sgrìobhainn seo an cùmhnant fhastaidh cunbhalach a bhiodh Seumas Banks o Chompanaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar a' cleachdadh leis a h-uile neach-obrach aige. Tha e ag innse nan làithean a bhiodh aca ag obair, an tuarastal, dleastanasan agus uallach a bhiodh aig gach duine agus cuideachd an stèisean iasgaich às am biodh iad ag obair. Tha facal sa chùmhnant ag innse gu faodadh iad 's dòcha fuireach ann am bothag-còmhnaidh aig an stèisean. Ann an cuid de dh'àiteachan cha robh feum air seo bhon a bha na stèiseanan iasgaich faisg air dachaigh an iasgair. Ged nach eil e ag ràdh seo sa chùmhnant, bha oilisginean agus bòtannan air an toirt do gach duine.

Bha tuarastal na seachdain do gach neach-obrach sgrìobhte sìos air fad ann am faclan. B' e an tuarastal chunbhalach, mar a chithear sa chùmhnant seo air seusan 1956, £6 15t san t-seachdain. Mar bu trice gheibheadh an gafair no neach an einnsein airgead na bu mhotha - aig an àm seo b' e £7 a bh' ann san t-seachdain.

Sa chùmhnant bha fios air buannachd a gheibheadh gach neach-obrach. Bha seo ceangailte ri àireamh an èisg a chaidh a ghlacadh aig an stèisean aca. Chaidh an t-airgead a-bharrachd seo a chur air adhart an toiseach ann an 1956 an dèidh sreath de dhroch bhliadhnaichean. Stèidhich Banks an sgeama air fear a bha ag obair air a' chost an iar far an robh buannachd ga phàigheadh a rèir àireamh an èisg glacte aig gach stèisean. B' e a' bhuannachd a gheibheadh gach iasgair £1 gach ceud iasg agus bha e ga phàigheadh a-mach aig deireadh an t-seusain ma bha an cùmhnant ga choileanadh. Chuir Banks fios do gach neach-obrach mun sgeama seo sna litrichean thuca ro thoiseach seusan 1956.

Tha e ag ràdh sna litrichean nach bi buntanas sam bith san airgead a-bharrachd seo ri ' the payment of the usual bonus which we give in the event of an extra good year'. B' e a' bhliadhna fìor mhath 1951, agus bho na clàran tha e coltach gum b' e siud a' bhliadhna a b' fheàrr a-riamh a bh' aca. Tha clàrachadh a' ghlacaidh air 1951 a' sealltainn gun deach 1,528 iasg a ghlacadh ann an Stafainn; 1,587 ann am Port Rìgh; 1,114 ann an Ratharsair; and 2,997 aig an Leathallt. Nam biodh sgeama an airgid a-bharrachd ann aig an àm sin, bhiodh cuid de na h-iasgairean air cho mòr ri £29 an duine fhaighinn, uiread tuarastal ghrunn sheachdainean.

Mar choimeas, ann an seusan 1956 nuair a chaidh sgeama na buannachd a thoirt a-steach tha na clàran a' sealltainn : 692 iasg glacte ann an Stafainn; 507 ann am Port Rìgh; 457 ann an Ratharsair agus 836 ann an Leathallt. Ged a bha seo gu math na b' ìsle na 1951, bhiodh gach iasgair air eadar £5 agus £8 a bharrachd fhaighinn. B' e seo pàigheadh aon sheachdain cha mhòr, agus na shuim mhath airgid aig an àm sin.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Cùmhnant Fhastaidh, 1956

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)