Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-seinnse Steinn, Bhatairnis
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_031_0896
ÀITE
Steinn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14421
KEYWORDS
taighean-òsta
gniomhachas an iasgaich
bailtean air am planadh
iasgach
Loch a' Bhàigh
Stein Inn, Waterstein

Bidh iad ag ràdh gur e Taigh-seinnse Steinn an taigh-seinnse as aosta a th' air an Eilean Sgitheanach, ach 's ann a tha iomadh togalach air a chur ri chèile ann, agus chaidh e atharrachadh gu mòr thar nam bliadhnachan.

Bha dùil gum biodh Steinn air a dhèanamh ann am Baile Iasgaich air a phlanadh le Comunn Iasgaich Bhreatainn agus chaidh dealbhan mionaideach air a shon a dhèanamh le Tòmas Telford ann an 1790 anns an robh eaglais nuadh-chlasaigeach, taigh-sgoile, sreathan de thaighean agus fiù 's easan-spùtaidh. Cha tàinig am plana gu buil, mar thoradh air, ann am pàirt, eaconamaidh lag an Eilein, an droch ghnàth-shìde agus cho mì-chinnteach 's a bha na sgaothan sgadain. Chaidh dhà no trì de na togalaichean a thogail ach chan eil sa bhaile an-diugh ach sreath bhriste de thaighean a' leantainn na tràghad, nam measg an taigh-seinnse air a thogail le Dòmhnall MacIllEathain ann an 1800.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-seinnse Steinn, Bhatairnis

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

taighean-òsta; gniomhachas an iasgaich; bailtean air am planadh; iasgach; Loch a' Bhàigh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Bidh iad ag ràdh gur e Taigh-seinnse Steinn an taigh-seinnse as aosta a th' air an Eilean Sgitheanach, ach 's ann a tha iomadh togalach air a chur ri chèile ann, agus chaidh e atharrachadh gu mòr thar nam bliadhnachan. <br /> <br /> Bha dùil gum biodh Steinn air a dhèanamh ann am Baile Iasgaich air a phlanadh le Comunn Iasgaich Bhreatainn agus chaidh dealbhan mionaideach air a shon a dhèanamh le Tòmas Telford ann an 1790 anns an robh eaglais nuadh-chlasaigeach, taigh-sgoile, sreathan de thaighean agus fiù 's easan-spùtaidh. Cha tàinig am plana gu buil, mar thoradh air, ann am pàirt, eaconamaidh lag an Eilein, an droch ghnàth-shìde agus cho mì-chinnteach 's a bha na sgaothan sgadain. Chaidh dhà no trì de na togalaichean a thogail ach chan eil sa bhaile an-diugh ach sreath bhriste de thaighean a' leantainn na tràghad, nam measg an taigh-seinnse air a thogail le Dòmhnall MacIllEathain ann an 1800.