Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùin Bheagain
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_032_0902
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14424
KEYWORDS
caistealan
Clann 'IcLeòid
MacLeòid Dhùin Bheagain
bratach
Dunvegan Castle

Tha a' phrìomh inntrigeadh aig Caisteal Dhùin Bheagain, cathair Chlann 'IcLeòid, ga dhluthachadh air rathad-draibhidh tro ghàrraidhean àlainn agus Loch Dhùin Bheagain sa chùl thaobh. Tha togalaichean diofraichte sa chaisteal, air an togail aig amannan diofraichte le diofar cheann-cinnidh, agus a' phàirt as aosta dheth air a thogail san 13mh linn. Chaidh an Tùr-glèidhidh, an 'Keep' a chithear air taobh a deas an deilbh, a thogail mu mheadhan na 14mh linn fo sheilbh an treas cheann-cinnidh. Tha an toll-dubh air a thogail a-steach do rùm bhunaiteach an structair fìor-mhor, làidir seo, ach bha e gun mhullach fad faisg air ceud bliadhna gus an do thòisich obair leasachaidh mu dheireadh na h-18mh linn. Sna 1840an is 1850an, rinn am 25mh ceann-cinnidh ath-ùrachadh iomlan air agus chruthaich sin mòran de na chithear an-diugh.

Tha an Caisteal agus na seann rudan a tha na bhroinn, agus na gàrraidhean brèagha mu a thimcheall, a' tarraing mòran dhaoine thuige 's dhan an Eilean Sgitheanach. Bidh mìltea luchd-turais a' caogadh sìos a-steach don toll-dubh, a' coimhead air na peantaidhean de shinnsearan MhicLeòid leis an luchd-ealain Zoffany agus Raeburn, agus a' meas gu cliùiteach a' Bhratach-Shìdhe aosmhor iomraiteach, nach tèid a sgaoileadh ach a-mhàin nuair bhios Clann 'IcLeòid ann am fìor chàs.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùin Bheagain

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

caistealan; Clann 'IcLeòid; MacLeòid Dhùin Bheagain; bratach

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha a' phrìomh inntrigeadh aig Caisteal Dhùin Bheagain, cathair Chlann 'IcLeòid, ga dhluthachadh air rathad-draibhidh tro ghàrraidhean àlainn agus Loch Dhùin Bheagain sa chùl thaobh. Tha togalaichean diofraichte sa chaisteal, air an togail aig amannan diofraichte le diofar cheann-cinnidh, agus a' phàirt as aosta dheth air a thogail san 13mh linn. Chaidh an Tùr-glèidhidh, an 'Keep' a chithear air taobh a deas an deilbh, a thogail mu mheadhan na 14mh linn fo sheilbh an treas cheann-cinnidh. Tha an toll-dubh air a thogail a-steach do rùm bhunaiteach an structair fìor-mhor, làidir seo, ach bha e gun mhullach fad faisg air ceud bliadhna gus an do thòisich obair leasachaidh mu dheireadh na h-18mh linn. Sna 1840an is 1850an, rinn am 25mh ceann-cinnidh ath-ùrachadh iomlan air agus chruthaich sin mòran de na chithear an-diugh. <br /> <br /> Tha an Caisteal agus na seann rudan a tha na bhroinn, agus na gàrraidhean brèagha mu a thimcheall, a' tarraing mòran dhaoine thuige 's dhan an Eilean Sgitheanach. Bidh mìltea luchd-turais a' caogadh sìos a-steach don toll-dubh, a' coimhead air na peantaidhean de shinnsearan MhicLeòid leis an luchd-ealain Zoffany agus Raeburn, agus a' meas gu cliùiteach a' Bhratach-Shìdhe aosmhor iomraiteach, nach tèid a sgaoileadh ach a-mhàin nuair bhios Clann 'IcLeòid ann am fìor chàs.