Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùin Bheagain
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_032_0903
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14425
KEYWORDS
cinnidhean
caistealan
MacLeòid
Clann 'IcLeòid
Dunvegan Castle

TTha a' phrìomh inntrigeadh aig Caisteal Dhùin Bheagain, cathair Chlann 'IcLeòid, ga dhlùthachadh air rathad-draibhidh tro ghàrraidhean àlainn agus Loch Dhùin Bheagain sa chùl thaobh. Tha togalaichean diofraichte sa chaisteal, air an togail aig amannan diofraichte le diofar cheann-cinnidh. Chaidh a' phàirt as aosta dheth a thogail san 13mh linn, ach sna 1840an is 1850an, rinn am 25mh ceann-cinnidh ath-ùrachadh iomlan air agus chruthaich sin mòran de na chithear an-diugh. Tha an Caisteal agus na seann rudan a tha na bhroinn, agus na gàrraidhean brèagha mu a thimcheall, a' tarraing mòran dhaoine thuige 's dhan an Eilean Sgitheanach. Bidh mìltean de luchd-turais a' caogadh sìos a-steach don toll-dubh, a' coimhead air na peantaidhean de shinnsearan MhicLeòid leis an luchd-ealain Zoffany agus Raeburn, agus a' meas gu cliùiteach a' Bhratach-Shìdhe aosmhor iomraiteach, nach tèid a sgaoileadh ach a-mhàin nuair bhios Clann 'IcLeòid ann am fìor chàs.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùin Bheagain

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

cinnidhean; caistealan; MacLeòid; Clann 'IcLeòid

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept