Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Clàr air Càrn-cuimhneachaidh 'IcCriomain, Boraraig
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_032_0912
ÀITE
Boraraig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14428
KEYWORDS
pìobairean
pìobaireachd
MacCriomain
pìobairean chinnidh
càirn cuimhneachaidh
Plaque on the MacCrimmon Memorial Cairn, Borreraig

Tha an Càrn-cuimhneachaidh don teaghlach ainmeil sliochdail seo de phìobairean na shuidhe ann am Boraraig san Eilean Sgitheanach, a' coimhead thar Loch Dùn Bheagan agus a-null gu Caisteal Dhùin Bheagain. B' e pìobairean oighreachail aig cinn-cinnidhean MhicLeòid Dhùin Bheagain a bh' ann an teaghlach MhicCriomain, agus chruthaich iad iomadh pìos ciùil a' moladh Chlann 'IcLeòid. Cuideachd, chuir iad air bhonn sgoil ainmeil pìobaireachd ann am Boraraig. B' ann san t-17mh linn a bu chliùitich iad, agus an sgoilear mu dheireadh aca, fear MhicArtair, a' ceumnachadh sna 1780an. Chaidh an càrn a chithear san dealbh a thogail ann an 1933, air a phàigheadh le Comainn a' Chinnidh agus le gibhtean bho air feadh an t-saoghail. Tha an sgrìobhadh, a tha sa Ghàidhlig, ag ràdh:
Càrn cuimhne MhicCruimein a bha o dhualachas nam pìobairean aig MacLeòid fad dheich ginealach agus a bha cliùiteach airson deilbh is cluich is teagasg ciùil mhoir. Is ann dlùth air an làraich so a bha Sgoil Chiùil MhicCruimein 1500 - 1800 A.D.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Clàr air Càrn-cuimhneachaidh 'IcCriomain, Boraraig

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

pìobairean; pìobaireachd; MacCriomain; pìobairean chinnidh; càirn cuimhneachaidh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha an Càrn-cuimhneachaidh don teaghlach ainmeil sliochdail seo de phìobairean na shuidhe ann am Boraraig san Eilean Sgitheanach, a' coimhead thar Loch Dùn Bheagan agus a-null gu Caisteal Dhùin Bheagain. B' e pìobairean oighreachail aig cinn-cinnidhean MhicLeòid Dhùin Bheagain a bh' ann an teaghlach MhicCriomain, agus chruthaich iad iomadh pìos ciùil a' moladh Chlann 'IcLeòid. Cuideachd, chuir iad air bhonn sgoil ainmeil pìobaireachd ann am Boraraig. B' ann san t-17mh linn a bu chliùitich iad, agus an sgoilear mu dheireadh aca, fear MhicArtair, a' ceumnachadh sna 1780an. Chaidh an càrn a chithear san dealbh a thogail ann an 1933, air a phàigheadh le Comainn a' Chinnidh agus le gibhtean bho air feadh an t-saoghail. Tha an sgrìobhadh, a tha sa Ghàidhlig, ag ràdh: <br /> Càrn cuimhne MhicCruimein a bha o dhualachas nam pìobairean aig MacLeòid fad dheich ginealach agus a bha cliùiteach airson deilbh is cluich is teagasg ciùil mhoir. Is ann dlùth air an làraich so a bha Sgoil Chiùil MhicCruimein 1500 - 1800 A.D.