Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Mur b' e thusa bhiodh an Cuilthionn'
EXTERNAL ID
AB_LL_SORLEY_MACLEAN_ENG
ÀITE
Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sorley MacLean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1446
KEYWORDS
bàrdachd
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

'S e seo eadar-theangachadh sa Bheurla den duan 'Mur b' e thusa bhiodh an Cuilthionn' clo-bhuailte an toiseach le Somhairle MacIllEathain ann an 1943 na phàirt den chruinneachadh 'Dàin Do Eimhir agus Dàin Eile'.

Beagan air ais, chaidh an dàn a chur ri ceòl le Dòmhnall Seàdha à Capercaillie agus a sgaoileadh ann an 1998 mar 'Am Mur Gorm' air an CD 'Beautiful Wasteland' aig a' bhuidhinn.

Tha e air a leughadh le sgoilear o Àrd Sgoil a' Phluic. (Dealbh le cead coibhneil on Dr. Julian Toms.)

'If it weren't for you the Cuillin would be
a level of olive blue
encircling with its tight belt
my heart's barbarous retinue.

If it weren't for you the numerous sand
that lies on Talisker's compact shore
would be the tablet of my wishes
without the sting of salt desire

If it weren't for you the huge seas
both in their motion and their rest
would raise the sea foam of my mind
to a monument on a calm coast.

While the flat brown and brindled moorland
and my clear intellect would be drowsing together
if it weren't for the sovereign force
of your degree'

'S e Somhairle MacIllEathain fear de na prìomh dhaoine ann an litreachas Alba an là an-diugh. Rugadh e ann an Oscaig an Eilean Ratharsair ann an 1911, 's chaidh e gu Bun-sgoil Ratharsair agus gu Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach e an uair sin do dh'Oilthigh Dhùin Èidinn far an do rinn e sgrùdaidhean air Beurla. Chaidh e a-steach do theagasg sgoile agus bha obair aige ann an Tobar Mhoire, Hamhaig agus an Dùn Èideann, mus d' fhuair e obair mar Cheannard Àrd-sgoil a' Phluic far na dh'fhuirich e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.

Mar a bha e a' tighinn o theaghlach de sheinneadairean traidiseanta is de phìobairean, agus mar a chaidh a thogail ann an coimhearsneachd làn de chànan is chultar na Gàidhlig, b' e siud an cànan a thagh e gus a bhàrdachd a sgrìobhadh. Ach rinn e eadar-theangachadh a-rithist de mhòran dheth gu Beurla, ga fhosgladh gu luchd-èisteachd gu math na bu mhotha. Chaidh a tharraing fo aire dhaoine cuideachd le foillseachadh de 'Four Points of a Saltire' (1970), aig Gòrdan Wright.

Bha buaidh aig na bàird fheallsanachail agus cuideachd aig seann litreachas Ceilteach agus aig seann òrain Ghàidhlig air MacIllEathain. Chaidh obair as ainmeile 'Dàin do Èimhir agus Dàin Eile', sgrìobhte anmoch sna 1930an, a' coimhead air cuspairean de ghaol, agus cuideachd air mì-cheartas poilitigeach. Bha an aon seòrsa de thaobh ri Chomannachas is ri Nàiseantachd aig MacIllEathain 's a bh' aig a charaid, Hugh MacDiarmid, agus cuideachd bha buaidh aig rudan mar Cogadh Sìobhalta na Spàinne agus neart Fascism air obair. Bha an cruinneachadh mòr de a bhàrdachd, 'Reothairt is Contraigh', air fhoillseachadh ann an1977.

A bharrachd air a bhith ag adhbhrachadh ath-bheothachadh de litreachas Gàidhlig, bha Somhairle MacIllEathain an luib brosnachadh teagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Am measg a dhuaisean bha Bonn Òr na Banrigh airson Bàrdachd, ann an 1990. Bhàsaich e ann an 1996 aig aois 85, a bhean agus a dhithis nighean a' beò às a dhèidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Mur b' e thusa bhiodh an Cuilthionn'

INBHIR NIS: Port Rìgh

2000an

bàrdachd; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Sorley MacLean