Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' feitheamh ris an aiseag ann an Gleann Eilg
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_041_1198
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14463
KEYWORDS
Aiseag Chaol Readha
dròbhaireachd
Aiseag Ghleann Eilg
cidheachan
laimrig chlaointe
laimrig
laimrigean
Waiting for the ferry at Glenelg

Tha laimrig na h-aiseig anns an dealbh seo air taobh tìr-mòr de Chaolas Chaol Readha eadar Gleann Eilg agus Caol Readha san Eilean Sgitheanach. Chan eil an dà chladach ach mu 500 meatair bho chèile.

Tha sruth uamhasach làidir ann on tha an caolas cho cumhang, ach aig aon àm bha ceudan bheathaichean mairt às an Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbhshruth ann. An uair sin leanadh iad orra gu na margaidhean aig deas. Tha an laimrig de chlach whinstone shnaighte a' gabhail a-steach rampa chruidh annasach, mu 27 meatair a dh'fhad agus 6 meatairean a leud. Tha seo suidhichte aig ceàrn cheart ris an laimrig agus tha clachan-muile garbh air.

'S e an t-aiseag an àite bu thràithe a bhathas a' cleachdadh airson a dhol a-null dhan Eilean Sgitheanach agus bha e air a dheagh stèidheachadh mus do thadhail MacIain agus Boswell air an sgìre ann an 1773. Chaidh na laimrigean a thogail le Tòmas Telford mu 1820. Tha na blocaichean mòra 'whinstone' air an cur sìos ann an sreathan a tha a' dol sìos dhan uisge agus bha leacan cloiche air am muin ach a tha a-nis air an còmhdach le concrait. Bha an t-aiseag ga cleachdadh gu tric gus an do ràinig an rèile An Caol ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uair sin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tèile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag a th' air a ruith leis a' choimhearsnachd ann fhathast as t-samhradh a bheir leatha sia càraichean dhan fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol 'over the sea' dhan Eilean Sgitheanach a' seachnadh an drochaid ann an Caol Loch Aillse.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' feitheamh ris an aiseag ann an Gleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1970an

Aiseag Chaol Readha; dròbhaireachd; Aiseag Ghleann Eilg; cidheachan; laimrig chlaointe; laimrig; laimrigean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha laimrig na h-aiseig anns an dealbh seo air taobh tìr-mòr de Chaolas Chaol Readha eadar Gleann Eilg agus Caol Readha san Eilean Sgitheanach. Chan eil an dà chladach ach mu 500 meatair bho chèile.<br /> <br /> Tha sruth uamhasach làidir ann on tha an caolas cho cumhang, ach aig aon àm bha ceudan bheathaichean mairt às an Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbhshruth ann. An uair sin leanadh iad orra gu na margaidhean aig deas. Tha an laimrig de chlach whinstone shnaighte a' gabhail a-steach rampa chruidh annasach, mu 27 meatair a dh'fhad agus 6 meatairean a leud. Tha seo suidhichte aig ceàrn cheart ris an laimrig agus tha clachan-muile garbh air.<br /> <br /> 'S e an t-aiseag an àite bu thràithe a bhathas a' cleachdadh airson a dhol a-null dhan Eilean Sgitheanach agus bha e air a dheagh stèidheachadh mus do thadhail MacIain agus Boswell air an sgìre ann an 1773. Chaidh na laimrigean a thogail le Tòmas Telford mu 1820. Tha na blocaichean mòra 'whinstone' air an cur sìos ann an sreathan a tha a' dol sìos dhan uisge agus bha leacan cloiche air am muin ach a tha a-nis air an còmhdach le concrait. Bha an t-aiseag ga cleachdadh gu tric gus an do ràinig an rèile An Caol ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uair sin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tèile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag a th' air a ruith leis a' choimhearsnachd ann fhathast as t-samhradh a bheir leatha sia càraichean dhan fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol 'over the sea' dhan Eilean Sgitheanach a' seachnadh an drochaid ann an Caol Loch Aillse.