Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Reothairt'
EXTERNAL ID
AB_LL_SORLEY_MACLEAN_GAELIC_02
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sorley MacLean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1449
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

'Reothart' le Somhairle MacIlleathain - air a leughadh an seo le Tormod MacDhòmhnaill. (Dealbh le cead coibhneil on Dr. Julian Toms.)

Reothairt

Uair is uair agus mi briste
thig mo smuain ort is tu òg,
is lìonaidh an cuan do-thuigsinn
le làn-mara 's miìe seòl.

Falaichear cladach na thrioblaid
le bhodhannan is tiùrr a' bhròin
is buailidh an tonn gun bhristeadh
mu m' chasan le suathadh sròil.

Ciamar nach do mhair an reothairt
bu bhuidhe dhomh na do na h-eòin,
agus a chaill mi a cobhair
's i tràghadh boinn' air bhoinne bròin?

'S e Somhairle MacIllEathain fear de na prìomh dhaoine ann an litreachas Alba an là an-diugh. Rugadh e ann an Oscaig an Eilean Ratharsair ann an 1911, 's chaidh e gu Bun-sgoil Ratharsair agus gu Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach e an uair sin do dh'Oilthigh Dhùin Èidinn far an do rinn e sgrùdaidhean air Beurla. Chaidh e a-steach do theagasg sgoile agus bha obair aige ann an Tobar Mhoire, Hamhaig agus an Dùn Èideann, mus d' fhuair e obair mar Cheannard Àrd-sgoil a' Phluic far na dh'fhuirich e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.
Mar a bha e a' tighinn o theaghlach de sheinneadairean traidiseanta is de phìobairean, agus mar a chaidh a thogail ann an coimhearsneachd làn de chànan is chultar na Gàidhlig, b' e siud an cànan a thagh e gus a bhàrdachd a sgrìobhadh. Ach rinn e eadar-theangachadh a-rithist de mhòran dheth gu Beurla, ga fhosgladh gu luchd-èisteachd gu math na bu mhotha. Chaidh a tharraing fo aire dhaoine cuideachd le foillseachadh de 'Four Points of a Saltire' (1970), aig Gòrdan Wright.
Bha buaidh aig na bàird fheallsanachail agus cuideachd aig seann litreachas Ceilteach agus aig seann òrain Ghàidhlig air MacIllEathain. Chaidh obair as ainmeile 'Dàin do Èimhir agus Dàin Eile', sgrìobhte anmoch sna 1930an, a' coimhead air cuspairean de ghaol, agus cuideachd air mì-cheartas poilitigeach. Bha an aon seòrsa de thaobh ri Chomannachas is ri Nàiseantachd aig MacIllEathain 's a bh' aig a charaid, Hugh MacDiarmid, agus cuideachd bha buaidh aig rudan mar Cogadh Sìobhalta na Spàinne agus neart Fascism air obair. Bha an cruinneachadh mòr de a bhàrdachd, 'Reothairt is Contraigh', air fhoillseachadh ann an1977.
A bharrachd air a bhith ag adhbhrachadh ath-bheothachadh de litreachas Gàidhlig, bha Somhairle MacIllEathain an luib brosnachadh teagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Am measg a dhuaisean bha Bonn Òr na Banrigh airson Bàrdachd, ann an 1990. Bhàsaich e ann an 1996 aig aois 85, a bhean agus a dhithis nighean a' beò às a dhèidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Reothairt'

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Sorley Maclean