Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-croite Tughte, Taigh-tasgaidh Beatha Eileanach an Eilein Sgitheanaich, Cille Mhoire
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_030_0739
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14610
KEYWORDS
taighean
baile
sabhal
coimhearsnachd
taigh croite
Thatched croft house, Skye Museum of Island Life, Kilmuir

Suidhichte ann an Hungladair, faisg air Cille Mhoire ann an ceann an iar-thuath rubha Thròndairnis, tha Taigh-tasgaidh Beatha Eileanach an Eilein Sgitheanaich air a dhèanamh suas de ghrunnan taighean-tughaidh ann a tha a' taisbeanadh dòigh beatha nan daoine air taobh an iar na Gàidhealtachd aig deireadh na 19mh linn.

B' e an taigh san dealbh seo a' chiad togalach a chaidh fhosgladh dhan phoball ann an 1965. Dh'fheumadh an togalach seo a bhith glè làidir gus am biodh e freagarrach airson gnàth-shìde an àite. Bha na ballachan tiugh, air a bheil oiseanan cruinn gus an dìon bho gèileachan a' gheamhraidh, air an dèanamh à clach a bha furasta a lorg san sgìre. Glè thric b' e pìosan fiodh cladaich a bha air an cleachdadh airson sparran a' mhullaich agus bha a' chuilc no an luachair airson an tughaidh a' fàs gu pailt faisg air làimh. Ged a bhiodh na taighean seo gu math bunaiteach san latha an-diugh, bha iad a' toirt fasgadh is blàths sgoinneil.

Tha baile de sheachd taighean-tughaidh anns an taigh-tasgaidh a-nis a' gabhail a-staigh ceàdrach, taigh breabadair, sabhal agus taigh-cèilidh. Tha ceithir de na taighean a' sealltainn gu fìor dìreach mar a bha beatha nan daoine àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd aig an àm sin agus tha taibeanaidhean de rudan leithid crùisgein, soithichean, beairtean-làimh, dealganan, agus buill-acfhainn àiteachais annta. Anns an t-sabhal agus san taigh-cèilidh, tha nithean eile sa chruinneachadh a' gabhail a-steach dealbhan camara agus sgrìobhainnean, rudan co-cheangailte ris a' Phrionnsa Teàrlach agus ri Flòraidh NicDhòmhnaill, a thuilleadh air strì an fhearainn san 19mh linn, buill-arm nan cinnidhean agus fiù 's s cinn-tuaigh bho tràth ann an Linn na Cloiche.

Tha an taigh-tasgaidh seo, a tha air a ruith gu prìobhaideach, air aon de na h-ionadan as cudromaiche agus as mòr-chòrdte san Eilean Sgitheanach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-croite Tughte, Taigh-tasgaidh Beatha Eileanach an Eilein Sgitheanaich, Cille Mhoire

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an

taighean; baile; sabhal; coimhearsnachd; taigh croite

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept