Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_046_0107
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14651
KEYWORDS
taighean
calaidhean
cidheachan
laimrigean
Portree Harbour, Skye

Chaidh an dealbh camara seo den laimrig ann am Port Rìgh a thogail bhon chidhe anns na 1970an. Tha Sreath Dhùghlais air an làimh chlì, Chaidh an cidhe a chaidh a dhealbhachadh le Tòmas Telford a thogail bho thùs anns na 1820an. Chaidh a leudachadh an dèidh sin agus an uair sin ath-nuadhachadh gu mòr ann an 1902 nuair a chaidh cidhe ùr fiodha a chur ris. Chaidh oifisean agus stòran a chur ris aig an aon àm. Leasaich na leasachaidhean sin na goireasan dhan trafaig, a bha a' sìor dol am meud, a bha a' cleachdadh a' chala.

Gu na 1950an, bha bàtaichean smùide a' tighinn gach latha le luchd-siubhail, luchd agus litrichean. Ach mar a chaidh na rathaidean am feabhas mean air mhean air feadh an eilein, cha robh an cidhe cho cudromach dhan bhaile agus dha ceanglaichean còmhdhail an eilein.

Thar nam bliadhnaichean tha an cidhe air àmannan glè thrang fhaicinn le cabhlaichean sgadain air am pacadh a-steach dhan chala. Tha fhathast gnìomhachas iasgaich malairteach beag a-mach à Port Rìgh, ach tha tòrr nas lugha de bhàtaichean ann na bh' ann anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Ach air sgàth a shuidheachadh fasgach, tha a' chala fhathast a' toirt acarsaid mhath dha gheataichean agus bàtaichean tlachd agus tha e fhathathst trang ann am mìosan an t-samhraidh.

Tha an leudachadh bho na 1970an a chaidh a chur ris an Taigh-òsta Rìoghail, ann an cùl an deilbh, agus bha seo a' gabhail àite pàirt den togalach tùsail a chaidh na theine ann an 1963, eadar-dhealaichte bho na taighean uasal Seòrasach ann an Corran Bheaumont gu h-ìosal.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1970an

taighean; calaidhean; cidheachan; laimrigean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept