Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chidhe, Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_046_0121
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14652
KEYWORDS
taighean
calaidhean
Quay Street, Portree Harbour, Skye

Chaidh Sreath Dhùghlais a thogail air Sràid a' Chidhe (sràid a' Chladaich bho thùs) a' coimhead thar a' chala, Tha na togalaichean a-nis air am peantadh ann an sreath de dhathan sunndach a tha gan dèanamh nam feart aithnichte de dh' earrann a' chala.

'S e Meall na h-Acarsaid a th' air a' chnoc feurach air a chùlaibh. Tha e a' nochdadh air cuid de sheann mhapaichean mar 'Fancy Hill', ged is e Am Meall a th' air an-diugh sa chumantas. Dh'fhaodadh gu bheil 'Fancy Hill' a' faighinn an ainm bho na gàrraidhean de chraobhan agus pheasan a chaidh a chur a-mach le Dr Alasdair MacLeòid, a bha na bhàilidh aig Sir Godfrey Dòmhnallach.

Tha gèibheilan ceum feannaig air Talla Cruinneachaidh an Eilein, air an làimh dheis. Chaidh a crìochnachadh ann an 1879 mar àite airson na bàlaichean-dannsa bliadhnail, agus chaidh a' chlach a chladhach bhon chnoc air a cùlaibh. Chruthaich seo lann-amhairc agus bha seo na àite iomchaidh airson Geamannan Gàidhealach a' bhaile.

Air a dhìon bhon ghaoth air gach taobh, tha aon de na calaidhean as fasgaiche air an oithir an iar ann am Port Rìgh. Ach cha b' ann gus na 1820an a chaidh cidhe a thogail bhon ceann ìosal den leathad a tha a' dol don bhaile, agus chaidh leudachadh goirid a chur ris air deireadh na 19mh linn. Chaidh seo a dhèanamh suas as ùr gu mòr ann an 1902,

Gu na 1950an, bha bàtaichean smùide a' tighinn gach latha le luchd-siubhail, luchd agus litrichean. Ach mar a chaidh na rathaidean am feabhas mean air mhean air feadh an eilein, cha robh an cidhe cho cudromach dhan bhaile agus dha ceanglaichean còmhdhail an eilein.

Thar nam bliadhnaichean tha an cidhe air àmannan glè thrang fhaicinn le cabhlaichean sgadain air am pacadh a-steach dhan chala. Tha fhathast gnìomhachas iasgaich malairteach beag a-mach à Port Rìgh, ach tha tòrr nas lugha de bhàtaichean ann na bh' ann anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Ach air sgàth a shuidheachadh fasgach, tha a' chala fhathast a' toirt acarsaid mhath dha gheataichean agus bàtaichean tlachd agus tha e fhathathst trang ann am mìosan an t-samhraidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chidhe, Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1970an

taighean; calaidhean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept