Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_046_0122
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14653
KEYWORDS
taighean
calaidhean
tùir
Portree Harbour, Skye

Chaidh Sreath Dhùghlais a thogail air Sràid a' Chidhe (sràid a' Chladaich bho thùs) a' coimhead thar a' chala, Tha na togalaichean a-nis air am peantadh ann an sreath de dhathan sunndach a tha gan dèanamh nam feart aithnichte de dh' earrann a' chala.

'S e Meall na h-Acarsaid a th' air a' chnoc feurach air a chùlaibh. Tha e a' nochdadh air cuid de sheann mhapaichean mar 'Fancy Hill', ged is e Am Meall a th' air an-diugh sa chumantas. Dh'fhaodadh gu bheil 'Fancy Hill' a' faighinn an ainm bho na gàrraidhean de chraobhan agus phreasan a chaidh a chur a-mach le Dr Alasdair MacLeòid, a bha na bhàilidh aig Sir Godfrey Dòmhnallach.

Tha gèibheilan ceum feannaig air Talla Cruinneachaidh an Eilein, air an làimh dheis san dealbh. Chaidh a crìochnachadh ann an 1879 mar àite airson na bàlaichean-dannsa bliadhnail, agus chaidh a' chlach a chladhach bhon chnoc air a cùlaibh. Chruthaich seo lann-amhairc agus bha seo na àite iomchaidh airson Geamannan Gàidhealach a' bhaile.

Air a dhìon bhon ghaoth air gach taobh, tha aon de na calaidhean as fasgaiche air an oithir an iar ann am Port Rìgh. Ach cha b' ann gu na 1820an an a chaidh cidhe a thogail bhon ceann ìosal den leathad a tha a' dol don bhaile, agus chaidh leudachadh goirid a chur ris air deireadh na 19mh linn. Chaidh seo a dhèanamh suas as ùr gu mòr ann an 1902,

Bha an cala gu math trang, gu h-àraid rè sèasain an sgadain, agus bhiodh na ceudan de bhàtaichean sgadain suidhichte sa bhàgh a h-uile bliadhna, cho math ri bàtaichean-smùid agus pufairean le luchd-siubhail, bathair agus post agus bha bàta-puist a' tighinn gach latha as t-samhradh. Mar a chaidh na rathaiddean a leasdachadh, cha robh uiread de chothroman ann siubhail aig muir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1970an

taighean; calaidhean; tùir

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept