Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Bhanca, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_046_0123
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14654
KEYWORDS
sràidean
bailtean
bùthan
càraichean
Bank Street, Portree, Isle of Skye

Tha an dealbh camara seo a chaidh a thogail ann na 1970an, a' sealltainn bùthan air Sràid a' Bhanca, Port Rìgh, a' gabhail a-steach bùth Lipton agus bùth 'Highland Home Industries' air an làimh dheis agus agus bùth iarnair Stiùbhart air an làimh chlì. Tha an Taigh-òsta Rìoghail suidhichte nas fhaide sìos an t-sràid air an làimh dheis le peantairean ag ath-pheantadh an aghaidh gheal.

Tha am banca, an-diugh (2011) Banca Rìoghail a h-Alba, bho bheil Sràid a' Bhanca a' faighinn a h-ainm, a' coimhead taobh Barraid Bhosville. Tràth anns an 20mh linn, Bha am Banca Nàiseanta agus dachaigh manaidsear a' bhanca san togalach, agus thathas a' toirt tuairisgeul mionaideach air ann an leabhar Iseabail NicDhòmhnaill, "A Family in Skye1908-1916".Bha a h-athair, Raghnall MacDhòmhnaill na Manaidsear air a' Bhanca agus bha a theaghlach a' fuireach anns an taigh a bha ceangailte ris a' bhanca.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Bhanca, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1970an

sràidean; bailtean; bùthan; càraichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha an dealbh camara seo a chaidh a thogail ann na 1970an, a' sealltainn bùthan air Sràid a' Bhanca, Port Rìgh, a' gabhail a-steach bùth Lipton agus bùth 'Highland Home Industries' air an làimh dheis agus agus bùth iarnair Stiùbhart air an làimh chlì. Tha an Taigh-òsta Rìoghail suidhichte nas fhaide sìos an t-sràid air an làimh dheis le peantairean ag ath-pheantadh an aghaidh gheal.<br /> <br /> Tha am banca, an-diugh (2011) Banca Rìoghail a h-Alba, bho bheil Sràid a' Bhanca a' faighinn a h-ainm, a' coimhead taobh Barraid Bhosville. Tràth anns an 20mh linn, Bha am Banca Nàiseanta agus dachaigh manaidsear a' bhanca san togalach, agus thathas a' toirt tuairisgeul mionaideach air ann an leabhar Iseabail NicDhòmhnaill, "A Family in Skye1908-1916".Bha a h-athair, Raghnall MacDhòmhnaill na Manaidsear air a' Bhanca agus bha a theaghlach a' fuireach anns an taigh a bha ceangailte ris a' bhanca.