Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tùr an Lèigh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_047_0137
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14658
KEYWORDS
tùir
Apothecary's Tower, Portree

Tha an tùr beag seo air cnoc beag os cionn caladh Phort Rìg7h san Eilean Sgitheanach. Canar Meall na h-Acarsaid ris an sgìre, ach 's e their cuid de sheann mhapaichean ris an rubha chrom ach Fancy Hill, 's dòcha bho na gàrraidhean chraobhan agus phreasan air an cur timcheall an tùir. A rèir aithris 's e Dr Alasdair MacLeòid, an Dotair Bàn, a thog an tùr 's a chuir dreach air an tìr sna 1830an nuair a bha e na bhàillidh aig treas Morair nan Dòmhnallach, Sir Godfrey. Choisinn Alasdair MacLeòid cliù airson a sgilean ann an eòlas-leigheis, innleadaireachd agus leasachadh fearainn agus tha e follaiseach gum b' e duine iongantach a bh' ann air an robh meas mòr.

Tha ainmean eadar-dhealaichte air a bhith air an toirt air an tùr - leus-mara, tùr an lèigh agus carragh-cuimhne - agus bha iomradh air planaichean air a shon ann an Courier Inbhir Nis ann an 1834. Bha e gu bhith na 'neat little octagon tower c. 20 feet in height, 14 feet square approximately, with four windows on the lower flat and eight on the second flat, some of them composed of fragments of painted glass. Painted glass can be had in Liverpool at 25 pence the pound.'

An dèidh bhith air a dhroch mhilleadh ann an gèiltean san Dàmhair 1978, thugadh an tùr a-nuas gu bhunaitean gus nach buineadh dad den chloich do thancaichean connaidh BP a bha dìreach fodha aig bonn a' bhearraidh. Chaidh a' chlach a ghleidheadh ge-tà agus tha an tùr air ath-thogail le staidhre air an taobh a-staigh a' dol suas dhan mhullach a thoirt sealladh farsaing tarsainn Loch Phort Rìgh a-null gu Beinn Tianabhaig agus Ratharsair.

Bha tùir lèighean air an cleachdadh ann an àitean eile a nochdadh do shoithichean a bhiodh a' dol seachad gun robh stuthan leighis agus cuideachadh rim faotainn faisg air làimh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tùr an Lèigh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1970an

tùir

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept