Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag Chaol Reatha, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_050_0218
ÀITE
Caol Reatha
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14664
KEYWORDS
aiseagan
laimrigean
Aiseag Ghleann Eilg
Kylerhea Ferry, Skye

Seo an laimrig aig Caol Reatha san Eilean Sgitheanach. Tha aiseag air a bhith a' dol tarsainn eadar seo agus Gleann Eilg, air tìr-mòr, bho co-dhiù tràth anns an 18mh linn. Chan eil an dà chladach ach mu 500 meatair bhon chèile agus tha seo a' ciallachadh gu bheil sruth uabhasach làidir ann, ach aig aon àm bha na ceudan de bheathaichean mairt às An Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbh=shruth ann a' leantainn na rathaidean dròbh gu na margaidhean aig deas.

Chaidh na laimrigean a thogail le Tòmas Telford mu 1820. Tha na blocaichean mòra 'whinstone' air an cur sìos ann an sreathan a tha a' dol sìos dhan uisge agus bha leacan cloiche air am muin ach a tha a-nis air an còmhdach le concrait. Bha an t-aiseag ga cleachdadh gu tric gus an do ràinig an rèile An Caol ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uair sin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tèile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag a th' air a ruith leis a' choimhearsnachd ann fhathast as t-samhradh dhan fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol 'over the sea' dhan Eilean Sgitheanach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag Chaol Reatha, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Slèite

1970an

aiseagan; laimrigean; Aiseag Ghleann Eilg

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Seo an laimrig aig Caol Reatha san Eilean Sgitheanach. Tha aiseag air a bhith a' dol tarsainn eadar seo agus Gleann Eilg, air tìr-mòr, bho co-dhiù tràth anns an 18mh linn. Chan eil an dà chladach ach mu 500 meatair bhon chèile agus tha seo a' ciallachadh gu bheil sruth uabhasach làidir ann, ach aig aon àm bha na ceudan de bheathaichean mairt às An Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbh=shruth ann a' leantainn na rathaidean dròbh gu na margaidhean aig deas.<br /> <br /> Chaidh na laimrigean a thogail le Tòmas Telford mu 1820. Tha na blocaichean mòra 'whinstone' air an cur sìos ann an sreathan a tha a' dol sìos dhan uisge agus bha leacan cloiche air am muin ach a tha a-nis air an còmhdach le concrait. Bha an t-aiseag ga cleachdadh gu tric gus an do ràinig an rèile An Caol ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uair sin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tèile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag a th' air a ruith leis a' choimhearsnachd ann fhathast as t-samhradh dhan fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol 'over the sea' dhan Eilean Sgitheanach.