Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe aig Eilean Iarmain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_03_050_0220
ÀITE
Eilean Iarmain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14665
KEYWORDS
cidheachan
calaidhean
Pier at Isleornsay, Skye

'S e eilean tràghaidh faisg air a chladach air taobh an ear ceann a deas An Eilein Sgiathanaich a th' ann an Eilean Iarmain. Chaidh am baile leis an aon ainm a stèidheachadh tràth ann an 19mh linn agus bha e a' toirt cala dìonach agus bha e na ionad malairteach airson an sgìre. Canar Eilean Iarmain cuideachd ris na togalaichean agus an cidhe anns an dealbh agus tha iad sin a' dol air ais gu 1805. Nam measg tha bùth, stàballan roimhe seo, sìol-lann agus taigh-seinnse (taigh-òsta an-diugh). Chaidh a' mhòr-chuid de na toglaichean a cheannach le Sir Iain Noble ann an 1972 agus chaidh iad an uair sin a sgeadachadh no ath-thogail. Bha seo aig teas meadhain plana Noble gus Gàidhlig agus a cultar ath-bheothachadh.

Chaidh an taigh solais air Eilean Sionnach (air an fhìor làimh dheis) a thogail ann an 1857. Bha taigh an taigh-solais, mar an fheadhainn as fhaide gu tuath air Eilean Bàn faisg air Caol Loch Aillse, le Gavin Maxwell aig aon àm. Chaidh solas Iarmain a thogail le Daibhidh Stevenson gus an t-sighe bho dheas a-steach do Chaolas Shlèite a ghèardadh. Thòisich e ag obair air 10 An t-Samhain 1857 a' cleachdadh uidheam 'condensing' Thòmais Stevenson gus diofar neartan solais ann an àirdean eadar-dhealaichte a thaisbeanadh. Chaidh atharrachadh gus obrachadh air gas ann an 1898 agus gu fèin-obrachadh ann an 1962.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe aig Eilean Iarmain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Slèite

1970an

cidheachan; calaidhean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S e eilean tràghaidh faisg air a chladach air taobh an ear ceann a deas An Eilein Sgiathanaich a th' ann an Eilean Iarmain. Chaidh am baile leis an aon ainm a stèidheachadh tràth ann an 19mh linn agus bha e a' toirt cala dìonach agus bha e na ionad malairteach airson an sgìre. Canar Eilean Iarmain cuideachd ris na togalaichean agus an cidhe anns an dealbh agus tha iad sin a' dol air ais gu 1805. Nam measg tha bùth, stàballan roimhe seo, sìol-lann agus taigh-seinnse (taigh-òsta an-diugh). Chaidh a' mhòr-chuid de na toglaichean a cheannach le Sir Iain Noble ann an 1972 agus chaidh iad an uair sin a sgeadachadh no ath-thogail. Bha seo aig teas meadhain plana Noble gus Gàidhlig agus a cultar ath-bheothachadh.<br /> <br /> Chaidh an taigh solais air Eilean Sionnach (air an fhìor làimh dheis) a thogail ann an 1857. Bha taigh an taigh-solais, mar an fheadhainn as fhaide gu tuath air Eilean Bàn faisg air Caol Loch Aillse, le Gavin Maxwell aig aon àm. Chaidh solas Iarmain a thogail le Daibhidh Stevenson gus an t-sighe bho dheas a-steach do Chaolas Shlèite a ghèardadh. Thòisich e ag obair air 10 An t-Samhain 1857 a' cleachdadh uidheam 'condensing' Thòmais Stevenson gus diofar neartan solais ann an àirdean eadar-dhealaichte a thaisbeanadh. Chaidh atharrachadh gus obrachadh air gas ann an 1898 agus gu fèin-obrachadh ann an 1962.