Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
"Odysseus" at Kishorn Yard
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_04_008_0838
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14822
KEYWORDS
"Odysseus" at Kishorn Yard

An Odysseus, air a cleachdadh mar shoitheach còmhnaidh agus air acair ri taobh gàrradh togail Howard Doris air taobh a tuath Loch Ciseorn, Ros agus Crombaidh. Ràinig i an làrach ann an 1976.

Chaidh an Odysseus a thogail ann an 1938 mar an aiseag tron oidhche Leinster, airson an t-seirbheis eadar Liverpool agus Baile Àtha Cliath. An dèidh sin chaidh a h-ath-càradh agus b’ e an Ulster Prince a bh’ oirre air slighe Liverpoll-Beul Feirste. Chaidh a reic ann an 1967, air a ceannach le Loidhne Epirotiki agus nochd i ann an seirbheis mar an an Odysseus. Mu dheireadh, chaidh a briseadh suas ann an Fhasluinge ann an 1980.

Chaidh Gàrradh Chiseorn a leasachadh anns na 1970an mar ghàrradh-togail chrainn-ola. B’ ann le Howard Doris Earr a bha e agus bha e ag obair bho 1975 gu 1987. Thòisich obair ann an 1975 air taobh tuath Loch Ciseorn gus làrach mòr a leasachadh gus Crann-ola Ninian Central a thogail. Nuair a bha e deiseil bha cuideam mu 6000,000 tunna anns a’ chrann-ola, agus aig an àm, b’ e an rud bu mhotha a ghabhadh gluasad a rinn daoine a-riamh. Dh’ fheumaist seachd bàtaichean-slaodaidh gus a tharraing gu a shuidheachadh sa Chuan a Tuath.

Ro 1977 bha còrr agus 3,000 neach ag obair sa ghàrradh, a bha a’ fuireach ann an àitichean-fuireach sealach agus air dà bhàta mòr luchd-siubhail chuain air chluainidh a bha air acair san loch. Air sgàth duilgheadasan plannaidh agus siubhail bha an gàrradh ri bhith air a mheasadh mar eilean agus bha na stuthan agus na daoine gu lèir ri bhith air an toirt a-mach agus a-steach taobh na mara no anns an adhar.

Dh’ adhbhraich an ìsleachadh ann a bhith a’ lorg agus ann an obair na h-ola gun deach Gàrradh Chiseorn a dhùnadh ach chaidh an doca thioram a chleachdadh a-rithist ann an 1992 airson an dà chaisson airson taic a thoit dha Drochaid an Eilean Sgitheanaich a thogail ann an doca thioram Chiseorn, an uair mu dheireadh a dheigheadh a chleachdadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

"Odysseus" at Kishorn Yard

1970an

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept