Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soidhnichean rathaid, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_04_014_1041
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
29 An t-Ògmhios 1976
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14888
KEYWORDS
bùthan Bhàideanach
Road signs, Grantown on Spey

Bùth phàipearan Mhic Dhonnchaidh agus 'The Tackle Shop' ann am Baile nan Granndach. Tha soidhnichean rathaid a' comharrachadh an t-slighe gu Peairt, Inbhir Narann (24 mìle air falbh) agus Farrais (22 mìle air falbh).

Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh mar thuineachadh dealbhaichte le Sir Seumas Grannd, an t-uachdaran ionadail, ann an 1765. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Spè aig iomall a tuath beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus aig an àm a chaidh a stèidheachadh, bha e a' faighinn deagh sheirbheis bho dhà rathad armailteach. B' e Baile nan Granndach a bh' air bho thùs an dèidh Sir Seumas Grannd ach chaidh 'air Spè' a chuir ris sa Bheurla aig deireadh nan 1890an.

Aig aon àm, bha dà rèile a' ruighinn Baile nan Granndach agus thug seo togail dha gnìomhachas agus turasachd sa bhaile. Ged a tha an dà loidhne a-nis air dùnadh, tha mòran fhathast measail air a' bhaile mar cheann-uidhe luchd-turais. Tha ceann-uidhe Rèile Smùide Srath Spè an-dràsta aig Stèisean Bhroomhill, mu thrì mìile gu deas air Baile nan Granndach. Thathas an dòchas san àm ri teachd gun urrainn dhan loidhne a bhith air a leudachadh a-rithist gu Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soidhnichean rathaid, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1970an

bùthan Bhàideanach

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Bùth phàipearan Mhic Dhonnchaidh agus 'The Tackle Shop' ann am Baile nan Granndach. Tha soidhnichean rathaid a' comharrachadh an t-slighe gu Peairt, Inbhir Narann (24 mìle air falbh) agus Farrais (22 mìle air falbh).<br /> <br /> Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh mar thuineachadh dealbhaichte le Sir Seumas Grannd, an t-uachdaran ionadail, ann an 1765. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Spè aig iomall a tuath beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus aig an àm a chaidh a stèidheachadh, bha e a' faighinn deagh sheirbheis bho dhà rathad armailteach. B' e Baile nan Granndach a bh' air bho thùs an dèidh Sir Seumas Grannd ach chaidh 'air Spè' a chuir ris sa Bheurla aig deireadh nan 1890an.<br /> <br /> Aig aon àm, bha dà rèile a' ruighinn Baile nan Granndach agus thug seo togail dha gnìomhachas agus turasachd sa bhaile. Ged a tha an dà loidhne a-nis air dùnadh, tha mòran fhathast measail air a' bhaile mar cheann-uidhe luchd-turais. Tha ceann-uidhe Rèile Smùide Srath Spè an-dràsta aig Stèisean Bhroomhill, mu thrì mìile gu deas air Baile nan Granndach. Thathas an dòchas san àm ri teachd gun urrainn dhan loidhne a bhith air a leudachadh a-rithist gu Baile nan Granndach