Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Coopers, For Good Things to Eat', Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_04_015_0018
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
29 An t-Ògmhios 1976
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14905
KEYWORDS
bùthan Bhàideanach
Coopers, For Good Things to Eat, Grantown on Spey

Tha grunnan shanasan anns na h-uinneagan aig 'Coopers, For Good Things to Eat,'. Anns na 1970an chosgadh oraidsearan mandarain 'fine fare' 12 sg dhut, bha deochan measgachaidh Schweppes 7sg, bha Persil 36sg agus bha Fairy Liquid 24sg. An ath dhoras bha Iòsaph Walker, bèicear agus milseanaiche.

Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh mar thuineachadh dealbhaichte le Sir Seumas Grannd, an t-uachdaran ionadail, ann an 1765. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Spè aig iomall a tuath beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus aig an àm a chaidh a stèidheachadh, bha e a' faighinn deagh sheirbheis bho dhà rathad armailteach. B' e Baile nan Granndach a bh' air bho thùs an dèidh Sir Seumas Grannd ach chaidh 'air Spè' a chuir ris sa Bheurla aig deireadh nan 1890an.

Aig aon àm, bha dà rèile a' ruighinn Baile nan Granndach agus thug seo togail dha gnìomhachas agus turasachd sa bhaile. Ged a tha an dà loidhne a-nis air dùnadh, tha mòran fhathast measail air a' bhaile mar cheann-uidhe luchd-turais. Tha ceann-uidhe Rèile Smùide Srath Spè an-dràsta aig Stèisean Bhroomhill, mu thrì mìile gu deas air Baile nan Granndach. Thathas an dòchas san àm ri teachd gun urrainn dhan loidhne a bhith air a leudachadh a-rithist gu Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Coopers, For Good Things to Eat', Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1970an

bùthan Bhàideanach

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha grunnan shanasan anns na h-uinneagan aig 'Coopers, For Good Things to Eat,'. Anns na 1970an chosgadh oraidsearan mandarain 'fine fare' 12 sg dhut, bha deochan measgachaidh Schweppes 7sg, bha Persil 36sg agus bha Fairy Liquid 24sg. An ath dhoras bha Iòsaph Walker, bèicear agus milseanaiche.<br /> <br /> Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh mar thuineachadh dealbhaichte le Sir Seumas Grannd, an t-uachdaran ionadail, ann an 1765. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Spè aig iomall a tuath beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus aig an àm a chaidh a stèidheachadh, bha e a' faighinn deagh sheirbheis bho dhà rathad armailteach. B' e Baile nan Granndach a bh' air bho thùs an dèidh Sir Seumas Grannd ach chaidh 'air Spè' a chuir ris sa Bheurla aig deireadh nan 1890an.<br /> <br /> Aig aon àm, bha dà rèile a' ruighinn Baile nan Granndach agus thug seo togail dha gnìomhachas agus turasachd sa bhaile. Ged a tha an dà loidhne a-nis air dùnadh, tha mòran fhathast measail air a' bhaile mar cheann-uidhe luchd-turais. Tha ceann-uidhe Rèile Smùide Srath Spè an-dràsta aig Stèisean Bhroomhill, mu thrì mìile gu deas air Baile nan Granndach. Thathas an dòchas san àm ri teachd gun urrainn dhan loidhne a bhith air a leudachadh a-rithist gu Baile nan Granndach