Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Guthan air a' Ghaoith
EXTERNAL ID
AB_NOS_UR_FIONA_MACKENZIE
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Fiona Mackenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Nòs Ùr
AITHNEACHADH MAOINE
1491
KEYWORDS
farpaisean
òrain
claistinneach

Get Adobe Flash player

Nochd an t-òran Gàidhlig seo san Nòs Ùr, Farpais Òrain Cheilteach is Albais, a chumadh o chionn ghoirid ann an Eden Court, Inbhir Nis. Bha an fharpais mar chuairt dheireannach ionadail airson farpais Eòrpach sna mion-chànanan 'Liet Lavlut' a chumar ann an Lulea, san t-Suain san Dàmhair 2008.

Tha an t-òran air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe na Caidriche Òrain Màiri Mhòir (2002-09). Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

Guthan air a' Ghaoith

'Eil thu èisteachd 'ille
'Eil thu èisteachd a thasgaidh?
'Eil thu èisteachd' ille
Do'n fhuaim a tha nad chridh?
Eil thu èisteachd' ille
Gu fuaim a tha mar chaoidh?
O èist, èist, èist
Do ghuthan air a ghaoith.

Tighinn air a' mhuir
O, tighinn thar a' chuain
A seòladh thar nam beanntan
Air sgiath cho geal, cho glan
Tha e tighinn thugainn,
Mar ospag air a ghaoith
O seinn! Seinn! Seinn!
An ceòl ur againn fhìn

Tog e suas gu rionnag mi
Bheir sìos dhan a'mhuir mi
Ceòl is gaol ri chèile
An de, an diugh s an còmhnaidh
Co thu, co e, co iadsan
Seasamh còmhla 's a ghrian
O dùisg,! dùisg!, dùisg!
Dean milis, à ghaoith nar chluais

Guthan air a ghaoith
Air feadh an t-saoghal gu siorraidh
Guthan air a ghaoith
'S gach ait tha fon ghrèin
Guthan tighinn còmhla, milis
Ach làidir bhon na cridhean
O fonn! fonn !fonn!
A ghaoil air a ghaoith

O èist èist èist
Do ghuthan air a'ghaoith

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Guthan air a' Ghaoith

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

farpaisean; òrain; claistinneach

Nòs Ùr

Celtic and Scots Languages Song Competition, 2008