Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - Request for a certificate to purchase oilskins

'S iomadh rud a bha glè ghann fad bhliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh agus mar sin bha iad fo chuibhreann. Bha buaidh aig seo air companaidh iasgach a' bhradain-mara aig Seumas Banks ann am Port Rìgh nuair a bhiodh e a' ceannach rudan, leithid bòtannan rubair, oilisginean agus buidealan thermos. 'S e seo litir o Roinn Dùthchail na h-Alba a' freagairt iarrtas a rinn Banks gus oilisginean agus bòtannan rubair ùra a cheannach. Bha Banks a' fasdadh suas ri 35 neach gach bliadhna aig na stèiseanan iasgaich aige timcheall air an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair. Mar phàirt den chùmhnant obrach aca bhiodh Banks a' toirt dhaibh oilisginean agus bòtannan rubair ùra. Bhiodh Roinn an Iasgaich a' cur bileag-cead gu Banks ag innse dha an àireamh de bhòtannan agus de dh'oilisginean a dh'fhaodadh e fhaighinn agus bheireadh Banks am pàipear seo don mharsanta. Dh'fheumadh Banks cuideachd ainmean agus seòlaidhean an luchd-iasgaich a gheibheadh an stuth a thoirt seachad don Roinn.

Aig toiseach seusain iasgach a' bhradain an1948, dh'iarr Banks cead 32 paidhir bhòtannan rubair agus 32 còtaichean oilisgin a cheannach. Tha litrichean às dèidh seo a' sealltainn gu robh duilgheadas ann an uiread seo fhaighinn. Sa Chèitean sgrìobh Uilleam Patterson & Mac, an Dùn Deagh, am marsanta mhor-dhìol, ag ràdh gun deach 19 paidhir bhòtannan a chur thuige. Dh' innis e cuideachd nach e bòtannan Dunlop a bh' annta ach fhathast feadhainn dèanta ann am Breatainn a Tuath. Cuideachd, an àite nam bòtannan àbhaisteach dubha 's e 'white Special Fishermen's boots' a bh' annta. A bharrachd air sin bha e doirbh dha na meudan ceart a dh' òrdaich e fhaighinn dha. San Lùnastal a' bhliadhna sin sgrìobh MacPhàdraig litir eile do Bhanks ag innse dha gun gabhadh aodach-coise a-nise a cheannach gun chead-cuibhrinn, 's mar sin nach fheumadh Banks iarrtas a chur a-steach tuilleadh airson bileagan-cead gus na bòtannan a cheannach.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Iarrtas air bileag-cead airson oilisginean a cheannach

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a' bhradain; iasgach a' bhric; cuibhreannachadh; cuibhreannan; leabhraichean cuibhreann; An Dàrna Cogadh; cuibhreann a' rubair; oilisgin; oilisgean; mor-dhiol

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)