Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead taobh Rathad Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis, 1970an
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_04_041_0289
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14928
KEYWORDS
Eastgate
Eastgate Centre
shopping centres
shopping malls
malls
Looking Towards Millburn Road, Inverness, 1970s

Tha an sealladh seo a' coimhead taobh Rathad Allt a' Mhuilinn, agus sgìre a' Chrùin air a' chnoc air a' chùlaibh. Chaidh an dealbh-camara a thogail mus deach Ionad Bhùithean Geata an Ear agus mòr-bhùth Safeway (an-diugh Morrisons) a thogail.

Aig aon àm, tha e coltach gur e Geata an Ear a bh' air an rathad gu lèir o mhullach Bhràighe Stìophain gu ruig mullach Sràid na Drochaid. Às dèidh sin, thàinig an ceann an iar gu bhith an t-Sràid Àrd agus an còrr Sràid Petty, ainm a sheas gu 'n dàrna leth den naoidheamh linn deug.

Chaidh taobh a tuath a' Gheata an Ear a leagail ann an 1971 agus chaidh rathad ùr a chàradh ann ochd bliadhna às dèidh siud. Bha làrach an t-seann rathaid air a bhith na phrìomh-shlighe a-steach don bhaile fad mu shia ceud bliadhna. Ach thionndaidh an rathad ùr gu teann don deas ach an coinnicheadh e rathad a' Chrùin agus mar sin bha slighe an t-seann rathaid air chall.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead taobh Rathad Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis, 1970an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1970an

Eastgate; Eastgate Centre; shopping centres; shopping malls; malls;

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha an sealladh seo a' coimhead taobh Rathad Allt a' Mhuilinn, agus sgìre a' Chrùin air a' chnoc air a' chùlaibh. Chaidh an dealbh-camara a thogail mus deach Ionad Bhùithean Geata an Ear agus mòr-bhùth Safeway (an-diugh Morrisons) a thogail. <br /> <br /> Aig aon àm, tha e coltach gur e Geata an Ear a bh' air an rathad gu lèir o mhullach Bhràighe Stìophain gu ruig mullach Sràid na Drochaid. Às dèidh sin, thàinig an ceann an iar gu bhith an t-Sràid Àrd agus an còrr Sràid Petty, ainm a sheas gu 'n dàrna leth den naoidheamh linn deug.<br /> <br /> Chaidh taobh a tuath a' Gheata an Ear a leagail ann an 1971 agus chaidh rathad ùr a chàradh ann ochd bliadhna às dèidh siud. Bha làrach an t-seann rathaid air a bhith na phrìomh-shlighe a-steach don bhaile fad mu shia ceud bliadhna. Ach thionndaidh an rathad ùr gu teann don deas ach an coinnicheadh e rathad a' Chrùin agus mar sin bha slighe an t-seann rathaid air chall.