Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bu Tusa An Gaol a Bh'air M'aire
EXTERNAL ID
AB_NOS_UR_PHAMIE_GOW
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Phamie Gow
NEACH-FIOSRACHAIDH
Nòs Ùr
AITHNEACHADH MAOINE
1493
KEYWORDS
farpaisean
òrain
claistinneach

Get Adobe Flash player

Nochd an t-òran Gàidhlig seo san Nòs Ùr, Farpais Òrain Cheilteach is Albais, a chumadh ann an Eden Court, Inbhir Nis. Bha an fharpais mar chuairt dheireannach ionadail airson farpais Eòrpach sna mion-chànanan 'Liet Lavlut' a chaidh a chumail ann an Lulea, san t-Suain san Dàmhair 2008.

Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Phamie Gow, neach-sgrìobhaidh ciùil à Alba is cluicheadair air iomadh inneal. Tha Seumas Greumach, seinneadair Gàidhlig à Loch an Inbhir, ga sheinn an seo.

Bu Tusa An Gaol a Bh'air M'aire

Measg nan tìrean móra is beaga
Dhan fhaicear do shamhuil gu sìor
Air na raointean tha lom-fhàs no torrach,
a sgaoileadh do dheàrrsachd nach ciar

Bu tusa an gaol a bh'air m'aire
An latha sheòl sgoil gu mo chùl,
Bu tusa an tìr-nan-òg farsuing
'Sam bithinn nam dhealain gun stiùir

O thug thu dhomh cead air do liosan
Is thug thu dhomh saorsa do mhàim,
Deoch-slàinte a fuaran do mhìlseachd
Is lìonmhorachd mhaorach 'o d' thràigh

O thug thu dhomh fasgadh do dhoirean,
Mo bhuidheachas dhearcan is chnò,
Is rinn thu de liad réidh do linne
Dhomh amar dlùth seasgair gun sgòr

O dh'fhosgail thu gart gorm do chridhe
Is shìn thu riùm tiodhlac do phòg,
'S ged nach fan teas do ghréin leam
gu sìorruidh 's tu 'n tìr anns am fuirich mi òg.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bu Tusa An Gaol a Bh'air M'aire

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

farpaisean; òrain; claistinneach

Nòs Ùr

Celtic and Scots Languages Song Competition, 2008