Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - Letter to Sir Murdoch MacDonald MP regarding depth charges

'S e seo tè de dh' iomadh litir a sgrìobh Seumas Banks mun spreadhadh-doimhne a bha a' dol ann an Caolas Rathasair - eadar an t-eilean sin agus tìr-mòr. Bha Banks a' gearan gum biodh na spreadhaidhean-doimhne a' lùghdachadh àireamh an èisg, gu sònraichte iasgach a' bhradain-mara far chost Ratharsair 's an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' cur an cèill gun deach àireamh an èisg sìos aig àm a' chogaidh leis na bh' ann de spreadhaidhean-mara aig an àm ach gu robh piseach a' tighinn air na h-àireamahan sin bho sguir an cogadh. Ach a dh'aindeoin a chasaidean, chùm an spreadhadh-doimhne a' dol.

Chaidh an llitir seo a sgrìobhadh gu Sir Murchadh MacDhòmhnaill, BP Pàrtaidh Libearalach na sgìre. Chaidh a thaghadh an toiseach don Phàrtaidh Libearalach ann an 1922, agus nuair a leig e dheth a dhreuchd ann an 1950, aig aois 83, 's e am ball a b' aosta a bh' ann an Taigh nan Cumantan. Ann am freagairt MhicDhòmhnaill do litir Bhanks tha e a' tairgse diofar atharrachadh a dh'fhaodadh Banks a dhèanamh ris an litir, agus aon uair 's gun do rinn e seo, thuirt MacDhòmhnaill gu faodadh e a cur air adhart do oifis na Maraireachd ach am beachdaicheadh iadsan air a' chùis. Lean Banks a chomhairle agus chuir e litir atharraichte thuca, ach gun taing dha.

Tha litrichean eile a' sealltainn gun do chuir Seumas Banks fios don Chol A. Gomme-Duncan, Ball Pàrlamaid aig baile dachaigh Bhanks, Peairt. Sgrìobh e cuideachd don fhear aig an robh sealbh air a' chompanaidh iasgaich roimhe, Raibeart Powrie. Bha esan a' ruith iasgach a' bhradain eile ann an Geàrrloch air an robh an aon bhuaidh on sprèadhadh-mara. Bha Powrie den bheachd gun cumadh a' Mharaireachd a' dol leis an spreadhadh co-dhiù, gearanan ann no às. B' e an t-aon tairgse a bh' aige gun gabhadh fianais a chruinneachadh air an dochann ri iasgach a' chost a-staigh, ged a dh'aidich e gum biodh seo doirbh a dhèanamh.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Litir gu Sir Murchadh MacDhòmhnaill BP mu sprèadhaidhean-doimhne

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a' bhradain; iasgach a' bhric; iasgach nan lìon; A' Chabhlach Rìoghail; Nèibhi; Admiralty; cogadh; spreadhadh mara; sensor testing

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)