Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - Letter requesting telephone installation on Raasay

Bhiodh Seumas Banks le Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar, a bha stèidhichte ann am Port Rìgh, a' sgrìobhadh tric gu Oifis a' Phuist a' feuchainn ri ceangal fòn fhaighinn a-steach ann an taigh a Ghafair aig stèisean iasgach a' bhradain an Caisteal Bhròchaill, taobh an ear eilean Ratharsair. Mar bu trice thigeadh am bàta-sholair à Port Rìgh trì tursan san t-seachdain a-mach dhan stèisean a' toirt ann solar agus a' togail air falbh an èisg. B' e seo an aon dòigh a bh' aig Banks fios a chur no fhaighinn bho sgioba an stèisein. Nuair a bhiodh droch shìde ann 's nach fhalbhadh am bàta à Port Rìgh, dh'fhaodadh làithean a dhol seachad gun chonaltradh sam bith eadar cheann-oifis Phort Rìgh agus an stèisean.

'S e an litir seo freagairt ri tè de dh'íomadh litir a sgrìobh Banks gu Oifis a' Phuist. San litir tha e a-rithist ag innse cho cudromach 's a tha an loidhne-fòn seo don chompanaidh aige. Ann an litrichean roimhe thuirt e gu robh an luchd-obrach aige 'labouring under difficult circumstances'. B' ann aig Àirnis an taobh an iar an eilein a bha am fòn a b' fhaisge, agus cha deach teileagraman a lìbhrigeadh ach a h-uile dàrna là. Bhon nach b' urrainn dhaibh conaltradh ceart a chumail suas, gu tric bhiodh dàil ann an lìbhrigeadh an èisg, a' leigeil leotha a dhol bhuaithe, agus mar sin a' gearradh an luach aca.

A dh'aindeoin a reusanachadh, fhuair Banks an-còmhnaidh an aon fhreagairt. Ann an litir na bu tràithe san Dàmhair 1948, chùm am Post-Oifis a-mach gu robh 'acute shortage of materials' ann agus gu robh luchd na h-einnseanarachd aca uile 'engaged in providing service for farmers and other essential industries'. Tha an litir seo cuideachd ag ràdh gun cùm iad iarrtas Banks fa-near aca agus nuair a thig cothrom an t-seirbheis a choilionadh gun cuir iad fios thuige.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Litir ag iarraidh teleifòn ga chur a-steach ann an Ratharsair

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a' bhradain; iasgach a' bhric; iasgach le lìon; teleifòn; teileagram; conaltradh; stèisean iasgaich; bàtaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)