Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Aithisg air Iasgach a' Bhradain 1949
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_132
DEIT
25 Am Faoilleach 1950
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1510
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach malairteach
bradan
iasgach a' bhradain
iasgach a' bhric
àireamhan èisg
iasgach le lìontan
staitistigean
West Highland Salmon Fisheries Co. - Salmon Fishing Report 1949

Gach bliadhna dh'fheumadh aithisg den t-seòrsa seo mu iasgach a dhol a-steach o chompanaidhean malairteach an iasgaich. Chuir Seumas Banks o Chompanaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar còmhla an fhios seo airson seusan 1949 (a sheas on Chèitean gun Dàmhair). Sa bhliadhna sin ruith Seumas Banks seachd stèiseanan - Port Rìgh, Ratharsair, Leathallt, Riog, Stafainn, Camas Tianabhaig agus am Bràighe (a ghabh a-steach Fearnan agus Bail' Meadhanach). Ged a chuir e sia lìontan a-bharrachd na a' bhliadhna roimhe, bha àireamh nan iasg glacte air a dhol sìos, agus cuideachd cuideam a' ghlacaidh uile gu lèir.

Bhruidhinn e cuideachd air duilgheadasan-mara eile - cha robh cus dragh aca bho na cearbanan no bho na poidsearan, ach gu robh na ròin agus na dòbhrain a' dèanamh cron tràth air an t-seusan. Tha e a' cur crìoch air aithisg ag innse mar a chuidich a' phrìs àrd stèidhichte a chompanaidh a chumail a' dol tron t-seusan truagh seo gus an do choisinn e a' 'right side financially'.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Aithisg air Iasgach a' Bhradain 1949

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a' bhradain; iasgach a' bhric; àireamhan èisg; iasgach le lìontan; staitistigean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)