Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - Letter regarding food rationing

Bha Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr. stèidhichte ann am Port Rìgh san Eilean Sgìtheanach agus bhiodh e a' fasdadh suas ri 40 duine ann am mìosan an t-samhraidh. Bha mòran de na daoine sin a' fuireach aig na stèiseanan iasgaich tron t-seachdain agus bhiodh iad a' toirt leotha am biadh fhèin a sheasadh dhaibh fad na seachdain. Às dèidh bliadhnaichean a' chogaidh bha bathar agus biadh gann agus chùm an rationing no cuibhreannachadh a' dol fad iomadh bliadhna. ‘S e an litir seo freagairt do Sheumas Banks nuair a dh’iarr e àrdachadh sa chuibhrinn a gheibheadh na daoine aige. Mar a chaidh sealltainn, bha seachd stèiseanan iasgaich aige agus bhiodh an gafair aig gach stèisean an urra ri ceannach agus sgaoileadh nan cuibhreann do gach stèisean. Am measg nan cuibhreann bhiodh biadh bunaiteach leithid siùcar, tea, geir còcaireachd, ìm agus feòil. Tha nota air a thaipeadh (gun cheann-là) ceangailte ris an litir seo a’ toirt liosta de bhiadh mar 'supplementary allowances per man per four weeks'. Am measg nan rudan cur-ris seo, a sheasadh ceithir seachdainean, bha 1 3/4 pùnnd shiùcair, 6 us. tea, 8 us. ìm, 8 us. magarain, 3/4 pd. hama agus 1/4 pd. càise.

Cha b’e biadh a-mhàin a bha duilich fhaighinn – ‘s iomadh rud eile, air an robh feum airson an gnìomhachas a ruith, a bha cuideachd gann.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Litir mu bhiadh air a chuibhreannachadh

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a'bhradain; iasgach a' bhric; cuibhreannachadh; cuibhreannan; leabhraichean cuibhreann; An Dàrna Cogadh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)