Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Viewfield, Inbhir Narann
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_06_009_0792
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
1 An Lùnastal 1980
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15177
KEYWORDS
taigh-tasgaidh
taigh teaghlaich
An Dàrna Cogadh
An Dàrna Cogadh Mòr
An 2na Cogadh
Viewfield House, Nairn

Chaidh Taigh Viewfield a thogail ann an 1803 ann an gàrraidhean mòra air taobh an iar Inbhir Narainn agus bhathas a' faighinn thuige tro Chraoibh-shlighe fhada. B' e Maoldòmhnaich Grannd a' chiad sealbhadair clàraichte a bh' air agus reic e ri fear Caiptean MacUilleam e ann an 1808. Ann an 1812 cheannaich Seumas Augustus Grannd an taigh 's e an dùil Ealasaid Mac an Tòisich à Bruaich na Muilne a phòsadh agus ann an 1913 rinn a' chàraid dachaigh teaghlaich de Thaigh Viewfield, far an robh iad a' fuireach airson a' chòrr dem beatha. B' e an làrach far a bheil stèisean nam busaichean an-diugh an an gàrradh le ballachan a bh' aca agus an àite stèisean nam poileas a th' ann an-diugh, bha loidse aig aon àm aig an inntrigeadh chun an t-slighe. Nuair a bhàsaich Seumas agus Ealasaid aig deireadh nan 1860an, fhuair tè de an nigheanan aca, Eliza Shireff e. Dh'fhàg ise an taigh aig mac a peathar, Harry Rose agus an dèidh sin chaidh a cheannach le staileadair.

Aig àm an Dàrna Cogaidh chaidh òrdugh-solair a chur air Taigh Viewfield agus bha luchd-armailteach às a' Phòlainn. Ann an 1948 fhuair a' Chomhairle an taigh. Bha an taigh an uair sin air a chleachdadh mar Oifisean na Comhairle, agus bha e air a chleachdadh leis a' Chlub Bòbhlaidh, an Leabharlann, Còmhlan Pìobaireachd Inbhir Narainn agus Taigh-tasgaidh Institùd Litreachail Inbhir Narainn. Bho 2003, tha an taigh air a bhith air a chleachdadh le Taigh-tasgaidh Inbhir Narainn a-mhàin.

Tha ìomhaigh de Dr Iain Grigor (1814 -1886), dotair meidigeach agus pròbhaist air Inbhir Narann roimhe a rinn mòran airson cliù Inbhir Narainn mar bhaile-turasachd slàinte a stèidheachadh agus a dh'fhàg tòrr de a bheairteas aig muinntir Inbhir Narainn. Chaidh an t-ìomhaigh a thogail ann an 1890 aig ceangal na Sràid Àird agus Sràid Leopold, ach chaidh a ghluasad ann an 1950 gu Taigh Viewfield.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Viewfield, Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1980an

taigh-tasgaidh; taigh teaghlaich; An Dàrna Cogadh; An Dàrna Cogadh Mòr; An 2na Cogadh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Chaidh Taigh Viewfield a thogail ann an 1803 ann an gàrraidhean mòra air taobh an iar Inbhir Narainn agus bhathas a' faighinn thuige tro Chraoibh-shlighe fhada. B' e Maoldòmhnaich Grannd a' chiad sealbhadair clàraichte a bh' air agus reic e ri fear Caiptean MacUilleam e ann an 1808. Ann an 1812 cheannaich Seumas Augustus Grannd an taigh 's e an dùil Ealasaid Mac an Tòisich à Bruaich na Muilne a phòsadh agus ann an 1913 rinn a' chàraid dachaigh teaghlaich de Thaigh Viewfield, far an robh iad a' fuireach airson a' chòrr dem beatha. B' e an làrach far a bheil stèisean nam busaichean an-diugh an an gàrradh le ballachan a bh' aca agus an àite stèisean nam poileas a th' ann an-diugh, bha loidse aig aon àm aig an inntrigeadh chun an t-slighe. Nuair a bhàsaich Seumas agus Ealasaid aig deireadh nan 1860an, fhuair tè de an nigheanan aca, Eliza Shireff e. Dh'fhàg ise an taigh aig mac a peathar, Harry Rose agus an dèidh sin chaidh a cheannach le staileadair.<br /> <br /> Aig àm an Dàrna Cogaidh chaidh òrdugh-solair a chur air Taigh Viewfield agus bha luchd-armailteach às a' Phòlainn. Ann an 1948 fhuair a' Chomhairle an taigh. Bha an taigh an uair sin air a chleachdadh mar Oifisean na Comhairle, agus bha e air a chleachdadh leis a' Chlub Bòbhlaidh, an Leabharlann, Còmhlan Pìobaireachd Inbhir Narainn agus Taigh-tasgaidh Institùd Litreachail Inbhir Narainn. Bho 2003, tha an taigh air a bhith air a chleachdadh le Taigh-tasgaidh Inbhir Narainn a-mhàin.<br /> <br /> Tha ìomhaigh de Dr Iain Grigor (1814 -1886), dotair meidigeach agus pròbhaist air Inbhir Narann roimhe a rinn mòran airson cliù Inbhir Narainn mar bhaile-turasachd slàinte a stèidheachadh agus a dh'fhàg tòrr de a bheairteas aig muinntir Inbhir Narainn. Chaidh an t-ìomhaigh a thogail ann an 1890 aig ceangal na Sràid Àird agus Sràid Leopold, ach chaidh a ghluasad ann an 1950 gu Taigh Viewfield.