Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'The Spey In A Spate' le Scott Skinner
EXTERNAL ID
AB_SS_SPEY_IN_A_SPATE
DEIT
2 An Giblean 2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Emma Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Emma Donald
AITHNEACHADH MAOINE
1518
KEYWORDS
claistinneach
ruidhle
srath-spè
fìdhlearan
ceòl traidiseanta

Get Adobe Flash player

Rinn Seumas Scott Skinner an ruidhle, 'The Spey in a Spate', do bhean ceann-suidhe Comann Srath Spè is Ruidhle na Gàidhealtachd ann an Lunnainn. Tha Emma Donald ga chluich an seo.

Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'The Spey In A Spate' le Scott Skinner

2000an

claistinneach; ruidhle; srath-spè; fìdhlearan; ceòl traidiseanta

Emma Donald

Rinn Seumas Scott Skinner an ruidhle, 'The Spey in a Spate', do bhean ceann-suidhe Comann Srath Spè is Ruidhle na Gàidhealtachd ann an Lunnainn. Tha Emma Donald ga chluich an seo.<br /> <br /> Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin