Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag Shomhairle, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_06_011_0830
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
7 Lùnastal 1980
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15180
KEYWORDS
carbadan
càraichean
taighean-òsta
carraighean-cuimhne cogaidh
pàircean chàraichean
Somerled Square, Portree

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh. Chaidh cruth na ceàrnaig atharrachadh grunn turais bho chaidh an dealbh camara seo a thogail tràth anns na 1980an.

Leudaich Port Rìgh gu math luath anns an 19mh linn agus chaidh taigh-òsta Phort Rìgh a thogail ann an 1875 mar sheirbheis dhan luchd-malairt a bha air fàs cho lìonmhor. 'S e Sràid Wentworth air làimh chlì an taigh-òsta, a' phrìomh shràid airson malairt ann am Port Rìgh agus tha i a' dol sìos chun a' chala. Chaidh an cuimhneachan-cogaidh ri aghaidh an deilbh a thogail ann an 1922 agus 's e dreach nas lugha de chrois na margaidh ann an Dùn Eideann a th' ann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag Shomhairle, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1980an

carbadan; càraichean; taighean-òsta; carraighean-cuimhne cogaidh; pàircean chàraichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh. Chaidh cruth na ceàrnaig atharrachadh grunn turais bho chaidh an dealbh camara seo a thogail tràth anns na 1980an.<br /> <br /> Leudaich Port Rìgh gu math luath anns an 19mh linn agus chaidh taigh-òsta Phort Rìgh a thogail ann an 1875 mar sheirbheis dhan luchd-malairt a bha air fàs cho lìonmhor. 'S e Sràid Wentworth air làimh chlì an taigh-òsta, a' phrìomh shràid airson malairt ann am Port Rìgh agus tha i a' dol sìos chun a' chala. Chaidh an cuimhneachan-cogaidh ri aghaidh an deilbh a thogail ann an 1922 agus 's e dreach nas lugha de chrois na margaidh ann an Dùn Eideann a th' ann.