Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (2 de 3)
EXTERNAL ID
CLI_Z_DONALD_MACLEAN_02
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
1520
KEYWORDS
claistinneach
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean

Get Adobe Flash player

San earrainn èisteachd seo tha Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu dheidhinn Balla Bherlin.

'Uill, bha na Gearmailtich fhèin glè, gu math, feargach mu na bha a' tachairt bhon a bha mòran dhiubh aig an robh teaghlach san taobh an Ear. Agus, a-nis, bha 'ad air a sgàradh: bha pàrantan nach b' urrainn clann aca fhaicinn. Bha seanmhairean is seanairean; cha robh cothrom aca a-nis a' dol a choimhead air na h-oghaichean aca. Feadhainn a bha a' fuireach ann an taobh an Ear agus a b' àbhaist a bhith ag obair san taobh an Iar, chaill iadsan an obair aca agus dìreach cha robh cothrom a dhol air ais 's air adhart, mar a b' àbhaist, eadar an dà thaobh. Agus, mar sin, bha an àite glè fheargach.

Agus, rud eile a chur cùisean na bu mhiosa: an dèidh sin, bha mòran a' feuchainn ri fhaighinn air falbh bhon taobh an Ear agus bhiodh na saighdearan an sin a' losgadh orra 's chaill mòran am beatha feuchainn ri teicheadh a-mach às an taobh an Ear.

Tha cuimhn' agam fhìn, aon uair, bha mi ann am bothan beag dìreach faisg air an rathad a' Ghearmailt an Iar, agus bha mi ann am...'s e bothan poilis a bh' ann a sin: bha poileas saighdearan - 's e poileas an Airm a bh' ann - agus bha mi aon latha an sin a' bruidhinn ri fear agus chuala sinn neacheigin a' losgadh - fuaim peilear. Agus, chaidh sinn, cho luath 's a b' urrainn, sìos air an làr. Agus, an dèidh mionaid no dhà, dh' èirigh sinn agus thug sinn sùil a-mach air an uinneag, agus chunnaic sinn saighdear na laighe - 's e sin saighdear bho rud ris an canadh na Gearmailtich 'Grenz Polizei': 's e sin saighdearan a bha a' dìon crìochan. Bhiodh 'ad an-còmhnaidh dithis còmhla, agus chunnaic sinn aon de na saighdearan na laighe air an talamh agus saighdear eile, faisg air, le gunna. Nis, bha e soilleir gu leòr gun do loisg aon saighdear air an saighdear eile, gu robh saighdear a bha na laighe air an làr, gu robh e a' feuchainn ri teicheadh dhan an taobh againne. Agus, chunnaic sinn e, bha e feuchainn ri èirigh, ach thuit e air ais 's chan eil fhios agam an robh e marbh no an robh e air a' dhroch leònadh, ach, an dèidh dhà no trì mionaidean, thàinig làraidh bho taobh an Ear far an robh na saighdearan, 's thog 'ad e bhon talamh is chuir 'ad a-steach air cùl an làraidh e, agus dh' fhalbh 'ad leis. Agus, 's e sin an aon neach a chunnaic mise air an robh - air a bha mi 'n dùil - a chaidh e marbhadh, le mo shùilean fhìn. Ach, bha mòran eile, agus thachair sin dhaibhsan, a' feuchainn ri teicheadh air falbh aig an àm.'

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (2 de 3)

2000an

claistinneach; An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean;

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)