Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Telford aig A' Mhùnd, Loch Fleòid
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_06_025_1320
ÀITE
A' Mhùnd, Loch Fleòd
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
25 Lùnastal 1980
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15211
KEYWORDS
drochaidean
slighean thairis
lochan
aibhnichean
einnseanaireachd
einnseanairean
Telford bridge at The Mound, Loch Fleet

Bha planaichean airson an t-slighe eadar tuath agus deas a ghiorrachadh le bhith a' togail slighe tarsainn Loch Fleòid air an gabhail a-steach do Choimisean na Pàrlamaid 1803 airson leasachadh agus togail rathaidean sa Ghàidhealtachd. Chaidh an t-slighe tarsainn a dhealbhachadh le Tòmas Telford agus chaidh a thogail far a bheil Loch Fleòid a' coinneachadh ri Abhainn Fhleòid. Tha cabhsair mòr talmhainn ann le drochaid chloiche aig a' cheann a tuath. Chaidh an obair a dhèanamh eadar 1814 agus 1816.

Tha sia boghachan le geataichean uisge san drochaid. Tha na geataichean a' cur stad air sàl bho bhith a' dol nas fhaide suas an abhainn aig muir-làn ach tha iad fhathast a' leigeil uisge na h-aibhne a-mach nuair a thèid an làn air ais. Tha na geataichean fèin-riaghladh ach chaidh siostam pulaidh a chur an sàs ann an 1833 fo stiùireadh Thòmais Telford gus an gabhadh na geataichean a bhith air an togail le daoine nuair a bha an abhainn na tuil. Tha bradain a tha a' tighinn suas an abhainn a shìolachadh a' feitheamh anns a' ghlumaig fon drochaid gus am fosgail na geataichean uisge mar a tha an làn a' dol a-mach mus lean iad orra air an turas. Bha an cabhsair a' giùlan Rèile Aotrom Dhòrnaich gus an do dhùin e ann an 1960 agus tha e fhathast a' giùlan an rathaid ged a tha an rathad a-nis a' dol thairis air drochaid nua-aimsireil an àite drochaid le boghachan.

Bha buaidh shònraichte air an t-slighe thairis seo air eag-eòlas inbhir na h-aibhne oir tha e a' cur stad air an t-sàl 2km goirid air ìre àirde an làin nàdarra, Tha eabar a tha a' cruinneachadhos cionn na drochaid a' dèanamh an talaimh air taobh shuas na drochaid air leth freagarrach airson a bhith a' fàs feàrna agus seileach. Tha Coille-fheàrna A' Mhùind a-nis air tè den fheadhainn as motha ann am Breatainn agus na Tèarmann Nàdair Nàiseanta

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Telford aig A' Mhùnd, Loch Fleòid

CATAIBH: Goillspidh

1980an

drochaidean; slighean thairis; lochan; aibhnichean; einnseanaireachd; einnseanairean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Bha planaichean airson an t-slighe eadar tuath agus deas a ghiorrachadh le bhith a' togail slighe tarsainn Loch Fleòid air an gabhail a-steach do Choimisean na Pàrlamaid 1803 airson leasachadh agus togail rathaidean sa Ghàidhealtachd. Chaidh an t-slighe tarsainn a dhealbhachadh le Tòmas Telford agus chaidh a thogail far a bheil Loch Fleòid a' coinneachadh ri Abhainn Fhleòid. Tha cabhsair mòr talmhainn ann le drochaid chloiche aig a' cheann a tuath. Chaidh an obair a dhèanamh eadar 1814 agus 1816.<br /> <br /> Tha sia boghachan le geataichean uisge san drochaid. Tha na geataichean a' cur stad air sàl bho bhith a' dol nas fhaide suas an abhainn aig muir-làn ach tha iad fhathast a' leigeil uisge na h-aibhne a-mach nuair a thèid an làn air ais. Tha na geataichean fèin-riaghladh ach chaidh siostam pulaidh a chur an sàs ann an 1833 fo stiùireadh Thòmais Telford gus an gabhadh na geataichean a bhith air an togail le daoine nuair a bha an abhainn na tuil. Tha bradain a tha a' tighinn suas an abhainn a shìolachadh a' feitheamh anns a' ghlumaig fon drochaid gus am fosgail na geataichean uisge mar a tha an làn a' dol a-mach mus lean iad orra air an turas. Bha an cabhsair a' giùlan Rèile Aotrom Dhòrnaich gus an do dhùin e ann an 1960 agus tha e fhathast a' giùlan an rathaid ged a tha an rathad a-nis a' dol thairis air drochaid nua-aimsireil an àite drochaid le boghachan.<br /> <br /> Bha buaidh shònraichte air an t-slighe thairis seo air eag-eòlas inbhir na h-aibhne oir tha e a' cur stad air an t-sàl 2km goirid air ìre àirde an làin nàdarra, Tha eabar a tha a' cruinneachadhos cionn na drochaid a' dèanamh an talaimh air taobh shuas na drochaid air leth freagarrach airson a bhith a' fàs feàrna agus seileach. Tha Coille-fheàrna A' Mhùind a-nis air tè den fheadhainn as motha ann am Breatainn agus na Tèarmann Nàdair Nàiseanta