Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (3 de 3)
EXTERNAL ID
CLI_Z_DONALD_MACLEAN_03
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
1522
KEYWORDS
claistinneach
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean

Get Adobe Flash player

San earrainn èisteachd seo tha Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu dheidhinn Balla Bherlin.

'An dèidh sin, bha cùisean gu math dona bhon a bha rud ris an can 'ad 'cogadh fuar' ann aig an àm eadar na Ameirigeanaich agus na Ruiseanaich, agus bha mi ann am Berlin nuair a bha an ùpraid mu Cuba, na rocaidean a bha feuchainn...na Ruiseanaich a' feuchainn ri chuir ann an Cuba. Agus, nan robh cogadh air tòiseachadh, chan eil fhios agam, bha mise...cha bhithinn beò an diugh no, dh'fhaodadh a bhith nam phrìosanach an àiteigin ann an Siberia. Bhon a bha sinn ann am Berlin, bha Berlin nas fhaisge air a' Phòlainn na tha Berlin air an Fhraing, mar eisimpleir. Bha e glè fhaisg air na crìochan an sin eadar a' Phòlainn, Czechoslovakia - uill, an diugh, Poblachd nan Seiceach - agus a' Ghearmailt fhèin.

Agus, bha sinn an teis-meadhan Ghearmailt an Iar...er...Ghearmailt an Ear, agus chan eil fhios agam cia mheud ceud saighdear a bh' againne ann am Berlin, ach tha fhios agam gu robh mìle tanc, Ruiseanach is Gearmailteach, bho na Gearmailtich an Ear, timcheall air Berlin. Na robh dad a' tòiseachadh, cha bhi...cha b' urrainn dhuinn sinn fhèin a' dìon ro fhada; dh'fhaodadh aon latha, no mar sin, agus bhiodh sinn uile, mar a thuirt mi, marbh no nar prìosanaich aig na Ruiseanaich.

Ach, gu fortanach, chaidh rudan gu math 's cha robh cogadh ann 's bha agam ri tilleadh dhachaigh.'

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (3 de 3)

2000an

claistinneach; An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean;

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)