Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Mheigh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_06_037_1962
ÀITE
Meigh
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
DEIT
1980
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15316
KEYWORDS
caistealan
togalaichean
àiteachan-còmhnaidh rìoghail
rìoghalachd
Castle of Mey

Tha Caisteal Mheigh suidhichte air oirthir a tuath Ghallaibh an iar air Taigh Iain Ghròt. Chaidh an Caisteal a thogail eadar 1566 agus 1572 leis a' 4mh Iarla Ghallaibh dha mhac agus b' e Caisteal Bhàr na Gile an t-ainm tùsail a bh' air. Chaidh an caisteal a leudachadh agus a nuadhachadh grunnan thurais. Bhàsaich an 15mh Iarla Ghallaibh anns na 1880an agus o nach robh oighre aige, dh'fhàg e an caisteal aig caraid. Chaidh a reic an dèidh sin ri Caiptean Imbert-Terry ann an 1928. Cheannaich a' Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh, an caisteal agus na gàrraidhean ann an 1952 agus thòisich i ga dhèanamh suas às ùr mar dhachaigh shaor-laithean. Bha i gu riaghailteach a' fuireach ann dà uair sa bhliadhna eadar 1955 agus a bàs ann an 2002. Chruthaich Màthair na Banrigh Urras Caisteil Mheigh na Banrigh Ealasaid agus tha iad sin a' fosgladh a' chaisteil agus na gàrraidhean dha luchd-turais a thuilleadh air grunnan làithean gach bliadhna nuair a tha Diùc agus Ban-diùc Baile Bhòid a' fuireach ann.

Thathas ag ràdh gu bheil taibhse Leadaidh Uaine ann an Caisteal Mheigh. Is ise Ealasaid Nic na Ceàrdaich, nighean 5mh Iarla Ghallaibh, a thilg i fhèin a-mach à uinneag an dèidh dha h-athair a cumail mar phrìosanach oir thuit i ann an gaol le treabhaiche

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Mheigh

GALLAIBH: Canasbaigh

1980an

caistealan; togalaichean; àiteachan-còmhnaidh rìoghail; rìoghalachd

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha Caisteal Mheigh suidhichte air oirthir a tuath Ghallaibh an iar air Taigh Iain Ghròt. Chaidh an Caisteal a thogail eadar 1566 agus 1572 leis a' 4mh Iarla Ghallaibh dha mhac agus b' e Caisteal Bhàr na Gile an t-ainm tùsail a bh' air. Chaidh an caisteal a leudachadh agus a nuadhachadh grunnan thurais. Bhàsaich an 15mh Iarla Ghallaibh anns na 1880an agus o nach robh oighre aige, dh'fhàg e an caisteal aig caraid. Chaidh a reic an dèidh sin ri Caiptean Imbert-Terry ann an 1928. Cheannaich a' Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh, an caisteal agus na gàrraidhean ann an 1952 agus thòisich i ga dhèanamh suas às ùr mar dhachaigh shaor-laithean. Bha i gu riaghailteach a' fuireach ann dà uair sa bhliadhna eadar 1955 agus a bàs ann an 2002. Chruthaich Màthair na Banrigh Urras Caisteil Mheigh na Banrigh Ealasaid agus tha iad sin a' fosgladh a' chaisteil agus na gàrraidhean dha luchd-turais a thuilleadh air grunnan làithean gach bliadhna nuair a tha Diùc agus Ban-diùc Baile Bhòid a' fuireach ann.<br /> <br /> Thathas ag ràdh gu bheil taibhse Leadaidh Uaine ann an Caisteal Mheigh. Is ise Ealasaid Nic na Ceàrdaich, nighean 5mh Iarla Ghallaibh, a thilg i fhèin a-mach à uinneag an dèidh dha h-athair a cumail mar phrìosanach oir thuit i ann an gaol le treabhaiche