Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - bileagan-tiotal bhogsaichean èisg
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_142
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1549
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - fish box labels

San dealbh seo chithear dà bhileag a bhiodh air an ceangal ri bogsaichean èisg bheò a bha air an cur às an Eilean Sgitheanach gu marsantaich tir-mòr. 'S e a' bhileag gu h-àrd an tè a b' ùire, a' sealltainn gur e an seòladh air ais 'Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar, Earranta.' Bha a' chompanaidh seo ag obair san Eilean Sgitheanach eadar 1944 agus 1962. Tha a' bhileag fodha, a' sealltainn gur e Bradan Ùr a bh' ann, a' dol gu Barber & Mac, fear de dh'iomadh marsanta aig margadh an èisg ann am Billingsgate ann an Lunnainn. Bha am bogsa falamh gu bhith air a thilleadh gu A Powrie, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach. Bha màl-iasgaich a' bhradain-mara a-mach à Port Righ aig Powrie mus do reic e a' ghnothachas gu Seumas Banks aig Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar.

Chaidh am bradan, a' bhànag agus am breac a chruinneachdh bho na diofar stèiseanan iasgaich air an Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsair agus chaidh an glèidheadh san taigh-deighe aig a' chidhe ann am Port Rìgh gus an robh e deiseil a dhol a-mach. Bhiodh an t-iasg air a phacadh ann am bogsaichean agus ga chur, mar bu trice, ann am bàta gu Caol Loch Aillse gus an deidheadh e air adhart air an rèile. Bhiodh Seumas Banks a' reic iasg gu mòr-reiceadairean an èisg airson a reic air adhart, agus bhiodh e cuideachd a' cur iasg gu taighean prìobhaideach fhèin. Mar a b' àbhaist gheibheadh fios gun do ràinig luchd èisg le bhith a' faighinn teileagram.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - bileagan-tiotal bhogsaichean èisg

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)